Tachraidh na coinneamhan COP (Conference of the Parties) gach bliadhna ann an diofar àitichean air feadh an t-saoghail.
The COP (Conference of the Parties) meetings take place every year in different places around the world.
‘S e coinneamh fìor chudromach a th’ innte far an tig riochdairean bho riaghaltasan nan dùthchannan ri chèile airson deasbad air èiginn na gnàth-shìde.
It is a very important meeting where representatives from the governments of countries come together to discuss the climate crisis.
Cluinnear iomradh gu tric a-nis air Còrdadh Pharas (the Paris Agreement) a chaidh aontachadh aig COP21 ann am Paras ann an 2015.
We often hear mention of the Paris Agreement which was approved at COP21 in Paris in 2015.
Aig a’ choinneimh sin, gheall faisg air 200 dùthaich gun cumadh iad ris a’ chiad phlana chruinneil a-riamh airson strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde.
At that meeting, nearly 200 countries pledged to adhere to the first ever global plan to combat climate change.
Dh’aontaich na pàrtaidhean:
The parties agreed:
Leis nach do thachair coinneamh 2020 ri linn a’ choròna-bhìorais, ‘s e coinneamh uabhasach cudromach a bh’ ann an COP26, a thachair ann an Glaschu ann an 2021.
As the 2020 meeting did not take place due to the corona virus, COP26, which took place in Glasgow in 2021, was a very important meeting.
Aig deireadh na coinneimhe COP26, bha cuid de na riochdairean eu-dòchasach mu na h-aontaidhean, a bha na bu laige na bu chòir.
At the end of the COP26 meeting, some of the delegates were pessimistic about the agreements, which were weaker than they should be.
Tha milleadh ga dhèanamh fhathast air an t-saoghal agus bithear a’ faicinn na buaidhe a th’ aig seo nas trice san àm ri teachd.
Damage is being done still in the world and the effects of this will be seen more often in time to come.