The climate
A' ghnàth-shìde
Gaelic
Ged a tha aonta a-nis eadar mòran dhùthchannan gum bu chòir plana gnìomh a bhith againn airson dèiligeadh ri teasachadh na cruinne agus atharrachadh na gnàth-shìde, chan eil mòran air atharrachadh fhathast.
Tha teothachdan cuibheasach na cruinne a-nis beagan a bharrachd air 1°C nas àirde na bha iad ron Tionndadh Gnìomhachais .
Chaidh tòrr òigridh air stailc-sgoile mu èiginn na gnàthshìde , ach cha tàinig an t-uabhas às an iomairt.
Bho bhliadhna gu bliadhna, chithear cruaidh-chàsan nas bitheanta, leithid dian-theas no tuiltean a tha a' sealltainn dhuinn mar a dh'atharraicheas ar saoghal sna bliadhnaichean ri tighinn.
Tha call deighe phòlaraich agus ìre na mara ag èirigh a' dol am miosad agus cha deach eimiseanan a lùghdachadh gu ìre far am faicear piseach.
Theirear gu bheil an ath dheich bliadhna cudromach san t-strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde agus gum faodamaid barrachd a dhèanamh mu ghlacadh carboin .
Cluinnear mu charbon neodrach , ach tha cuid den bheachd gur e ' nighe-uaine ' a tha seo a bhios companaidhean mòra agus riaghaltasan a chleachdadh gus cur an ìre gu bheil iad air rudan a dhèanamh.
Tha truailleadh àile ro àrd agus feumar rudan atharrachadh.
English
Although there is now agreement among many countries that we should have an action plan to deal with global warming and climate change, not much has changed yet.
Global average temperatures are now just over 1°C higher than before the Industrial Revolution .
A lot of young people went on a school strike about the climate crisis , but not a great deal came of the campaign.
From year to year, dangers/predicaments are seen more frequently, such as intense heat or floods that show us how our world will change in the years to come.
Polar ice loss and rising sea levels are worsening, and emissions have not been reduced to a point where improvement can be seen.
It is said that the next ten years are important in the fight against climate change and that we could do more about carbon capture .
We hear about carbon neutral , but some people think that this is ' green-washing ' that big companies and governments use to show that they have done things.
Air pollution is too high and things need to change.
DÈ DO BHEACHD? | WHAT DO YOU THINK?