Bilingual Transcription: Next steps
Bilingual Transcription: Na h-ath cheumannan
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.
Tha sibh air ìre eadar-mheadhanach adhartach SpeakGaelic, SpeakGaelic's upper intermediate level,cha mhòr a chrìochnachadh!
Ach an do smaoinich sibh mu na h-ath cheumannan, the next steps,na h-ath cheumannan?
'S dòcha gu bheil sibh a' faighneachd: Ciamar a bhios mi a' toirt mo sgilean Gàidhlig air adhart leam fhèin by myself, leam fhèin?
How do I improve my Gaelic skills on my own?Uill, tha beachd no dhà agamsa!
Faodaidh sibh leantainn oirbh a' cleachdadh an t-saoibhreis de stuthan-taice a th' air an làraich againn agus na ceanglaichean gu buidhnean agus goireasan eile.
No ma tha ùidh agaibh ann an leantainn oirbh ag ionnsachadh, tha cùrsaichean aig diofar ìrean aig Sabhal Mòr Ostaig (- cùrsaichean goirid agus cùrsaichean aig astar.
Tha clasaichean airson teisteanas aig Àrd Ìre Gàidhlig, Higher Gàidhlig, aig colaistean is oilthighean air feadh Alba cuideachd.
Agus tha bhidiothan is stuthan eile aig ìrean nas adhartaiche agus aig sàr-ìre air làrach-lìn LearnGaelic. 'S math as fhiach ùine a chur seachad a' rannsachadh na tha sin.
'S dòcha nise gu bheil sibh airson pàirt a ghabhail ann an saoghal na Gàidhlig, in the world of Gaelic,ann an saoghal na Gàidhlig? Uill, ma tha guth seinn, a singing voice, guth seinn agaibh, mholainn còisir do dhuine sam bith. Tha iomadach roghainn ann! Ach gu cinnteach, cumaibh oirbh ag èisteachd ri BBC Radio nan Gàidheal agus a' coimhead BBC ALBA.
Here are some of our recommendations
Read anything in Gaelic as often as you can, online or in books!