Space
Fànas
Fànas Gaelic
Math dh'fhaodte nach bi mòran a' smaointinn gu bheil ceangal sam bith eadar a' Ghàidhlig agus fànas, ach bha na Gàidheil, mar a bha gach cinneadh, a' sealltainn air an iarmailt, air na speuran le iongnadh agus ag ainmeachadh na bha iad a' faicinn agus a' cruthachadh sgeulachdan co–cheangailte ris.
Tha ainmean Gàidhlig ann airson reul–bhadan agus na planaidean anns a' chrios–ghrèin againn fhèin, ged a tha daoine buailteach na h–ainmean Laideann fhàgail orra san latha an–diugh.
Chan ann ann an Alba, air a' chruinne–chè a–mhàin a gheibhear ainmean–àite Gàidhlig—tha gu leòr dhiubh sin a–nis air a' Phlanaid Dhearg: Corg sa Ghàidhlig no Màrs, a' leantainn an ainm Laidinn.
Tha ainm Gàidhlig cuideachd air na solais a chithear gu tric tuath oirnn sna speuran anns a' gheamhradh—Na Fir–chlis.
Agus tha seanfhacal no dhà ceangailte ris na Fir–chlis: An uair a bhios na Fir–chlis ri mire, 's gann nach dèan iad milleadh!
Nam faicte crotal dearg air na creagan sa mhadainn an dèidh do na Fir–chlis a bhith air am faicinn, chainnte: Thug na Fir–chlis fuil à càch a chèile an–raoir!
Space English
Perhaps many people don't think that there is any connection between Gaelic and space, but the Gaels, like every race, looked at the sky, at the heavens, with wonder and named what they saw and created stories related to it.
There are Gaelic names for constellations and the planets in our own solar system, although people tend to use the Latin names (leave the Latin names on them) for them nowadays.
Gaelic place names are found not only in Scotland, or on the Earth—there are plenty of these now on the Red Planet: Corg in Gaelic or Mars, following the Latin name.
There is also a Gaelic name for the lights that are often seen north of us in the sky in winter—Na Fir–chlis; Aurora Borealis; the Merry dancers.
And there are a couple of proverbs connected to the Fir–chlis: When the merry dancers play they are like to slay!
If a red lichen was seen on the rocks in the morning after the Fir–chlis had been seen, said: The Merry Dancers bled each other last night!
DÈ DO BHEACHD? | WHAT DO YOU THINK?