Take two: There is a big gap in the schedule
An dàrna turas: Tha beàrn mhòr sa chlàr
Let's have a look at this conversation again.

Dè am prògram a b' fheàrr leatsa air an telebhisean nuair a bha thu na b' òige?
What was your favourite programme on television when you were younger?

Cha robh càil na b' fheàrr na Dòtaman. Bha e ceòlmhor, fiosrachail èibhinn.
There was nothing better than Dòtaman. It was musical, informative and funny.

Èibhinn! Cha chreid mi gu bheil comadaidh gu leòr air an telebhisean no air an rèidio na làithean seo.
Funny! I don't think there is enough comedy on television or radio these days.

Tha mi a' dol leat! Tha beàrn mhòr sa chlàr.
I agree with you! There is a big gap in the schedule.

Chan fhaic sinn ach ath-chraolaidhean agus chan eil e cho math an aon abhcaid eirmseach fhaicinn no chluinntinn uair is uair.
We only see repeats and it is not so great to see or hear the same witty joke over and over again.

Tha iad a' call rudeigin air an ath-innse.
They lose something in the retelling.

Dè mu dheidhinn na seann phrògraman chomadaidh bho na seachdadan? B' iad sin na làithean- geala ann an comadaidh.
What about the old comedy shows from the seventies? Those were the glory days (happy/good-old days) in comedy.

Bha mo sheanmhair daonnan a' sgrìobhadh dhan BhBC feuch an craoladh iad sin a-rithist.
My grandmother was always writing to the BBC to see if they would broadcast them again.
Chunnaic mi Tormod air Teilidh uair, ach cha b' ann air an telebhisean a bha sin ach air YouTube. Nise, sin comadaidh sgaiteach dhut!
I saw Tormod air Teilidh once, but that wasn't on the television but on YouTube. Now, there's sharp comedy for you!

Ach, a chàirdean, ma bhios sinne a' riochdachadh film airson FilmG, carson nach dèan sinn film comadaidh?
But, friends/guys/peeps, if we produce a film for FilmG, why don't we make a comedy film?

Chan eil fhios ’am a bheil an sgrìobhadh agam cho àbhachdach (ri) sin.
I don't know if my writing is that funny.

Ach tha thu làn eirmse agus nì thu aoireadh gun strì sam bith! Siuthad, Anna!
But you are full of wit and you can do satire at the drop of a hat [without any bother]! Go on, Anna!