Bilingual transcription: Book binding

Bilingual transcription: A’ còmhdach leabhraichean

Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?  

Tapadh leibh! Tapadh leibh!

‘S mise Calum Craolaidh, neo Calum Craobh-sgaoilidh ma tha sibh a’ dol a thoirt m’ ainm slàn orm. craobh-sgaoileadh – literally the act of tree spreading or the words we use for broadcasting – craobh-sgaoileadh; tha sin a’ tighinn bhon ghnìomh a bhith a’ sgaoileadh sìl.

Fuirich nam chuideachd agus ionnsaichidh tu an t-uamhas!

Mura h-eil sibh ga mo chluinntinn aig a’ chùl, èistibh ri na faclan.

Tha mi air mo shlighe gu eilean a bha uair ainmeil airson craoladh. Fada mus robh guth air crainn-craolaidh, neo rud ris an can sinne teicneòlas, bha comann cràbhach dìleas – a committed religious community - comann cràbhach dìleas; a’ sgaoileadh an t-soisgeil, à seo, air feadh Alba.

Seadh tha mi air mo shlighe gu Ì mo chridhe – On my way to dear Iona – air mo shlighe gu Ì mo chridhe. Cha tuirt mi sin a-riamh roimhe. Nach math gun tuirt a-nise.

‘S e Ì Chaluim Chille a th’ air an eilean às dèidh an aba ainmeil a bha, cuide ri na manaich Chrìosdail, a’ feuchainn ri Gàidheil is Cruithnich iompachadh – convert – iompachadh. Bha na manaich a’ craoladh naidheachd na h-obrach agus gnìomhan nan naomh tro leabhraichean.

‘S ann à Canada a tha Toben Lewis bho thùs ach tha e a-nise a’ fuireach air an eilean. Bidh e a’ còmhdadh leabhraichean - bookbinding - a’ còmhdach leabhraichean.

Calum: why did you start bookmaking?

TOBEN: Book nerd, Graphic designer, book layouts led to bookbinding

Calum: Why Iona?

TOBEN: Discovered Iona whist travelling around Scotland, my initial thought: it felt more like home, than home did.

Calum: Has the digital age made a difference?

TOBEN: worry about books, but physical books still engage people.

Calum: And I can try my hand at bookbinding?

TOBEN: You’ll have bound a little book by the time that we’re finished today! Tiugainn!

Tha e sònraichte a bhith an sàs ann am pròiseas nach eil air atharrachadh tro na linntean.

Chan eil càil as fheàrr leam na bhith a’ cruthachadh rudeigin lem làimh fhèin; chan eil am beat air.

B’ e leabhraichean air an dèanamh san eilean seo an dòigh a bh’ ann bho thùs air sgeul-beatha Chaluim Chille agus laghan na h-eaglaise a chraoladh.

Nach math gu bheil farsaingeachd de dhòighean againn an-diugh neo cha bhithinn-sa air ur beulaibh an-dràsta ach nach math gu bheil na seann dòighean fhathast air an cumail beò.

Joy, cuiridh mi thugad an leabhran againn gus an urrainn dhut a chur air do sgeilp-leabhraichean!