Bilingual transcription: At me, at them, at him

Bilingual transcription: Gam, gan, ga

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.

JOY  

Nise, a chàirdean, tha dà cheist agam dhuibh a chluinnear gu tric ann an suidheachaidhean ionnsachaidh: A bheil sibh gam leantainn? Agus, A bheil sibh gam thuigsinn?  

Tha sinn a' dol a chur beagan ùine seachad a' bruidhinn mu gam, ga, agus gan .     

Thachair sinn riutha uile roimhe san t-seagh ghnìomhach, in the active sense,san t-seaghghnìomhach. 

Ach bheir sinn sùil air ga anns an t-seagh fhulangach, in the passive sense,san t-seagh fhulangach  

Cleachdaidh sinn gam ann an seantans, mar seo: 

Tha sibh gam chlàradh , You are recording me,Tha sibh gam chlàradh.  

Ach nam biodh sinn airson, Iambeingrecorded a ràdh, chanadh sinn: Tha mi gam chlàradh , Tha mi gam chlàradh. 

Bidh an structar ga daonnan a' tilleadh don ainmear, the noun, neo don riochdair, the pronoun,roimhe.  

An seo, tha gam a' dol air ais gu mi.  

Tha mi gam chlàradh, I am being recorded , tha mi gam chlàradh. 

Seo eiseimpleir eile, le ga an turas sa ):  

Tha am prògram ga chraoladh , The programme is being broadcast,Tha am prògram ga chraoladh.  Agus leis gu bheil prògram fireann, masculine,'s e ga chraoladh a bhios ann, ga chraoladh. 

Agus mus gluais sinn air adhart, aon eisimpleir eile, ach le gan:  

Bha na seinneadairean  gan clàradh  gach Dimàirt,   The singers were being recorded every Tuesday,Bha na seinneadairean gan clàradh gach Dimàirt. 

Mar as trice, cha bhi sinn a' cleachdadh seo ach san tràth làthaireach is san tràth chaithte, in the present and past tenses, san tràth làthaireach is san tràth chaithte  

Agus cuimhnichibh, mar as àbhaist, gun lorg sibh tuilleadh fiosrachaidh mun seo air an làraich againn.