Bilingual transcription: The passive future tense, irregular.
Bilingual transcription: An tràth teachdail fulangach, neo–riaghailteach.
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time: An tràth teachdail fulangach, neo–riaghailteach .
Nise, dh’fhaodadh gum bi cuimhn' agaibh air:
chithear, will be seen, chithear.
Agus air, Will be heard: cluinnear, cluinnear
Agus math dh’fhaodte cuideachd air nithear, is done or gets done, nithear .
An tràth teachdail fulangach, the passive future tense.
Ach dè mu dheidhinn ceistean agus freagairtean a chur ri chèile leotha?
Cuiridh sinn ceist mu obair shaor-thoileach, a bhios tòrr sa choimhearsnachd a’ dèanamh, voluntary work:
An dèanar obair shaor–thoileach?
Will voluntary work be done? An dèanar / obair shaor–thoileach?
Airson freagairt a tha deimhinneach, cleachdaidh sinn Nithear:
Nithear obair shaor–thoileach.
It will be done. Voluntary work will be done. Nithear / obair shaor–thoileach.
Agus airson an fhreagairt àicheil canaidh sinn
Cha dèanar:
Cha dèanar obair shaor–thoileach. It willnotbe done. Voluntary work willnotbe done. Cha dèanar obair shaor–thoileach.
Tha an tràth teachdail cuideachd a' riochdachadh rudan a bhios a' tachairt gu h-àbhaisteach, the future tense also represents things that happen routinely or habitually.
Agus chì sinn seo le
fhathast, still or yet, fhathast.
Ma chuireas sinn am facal air deireadh an t–sreatha, gheibh sinn:
An dèanar obair shaor–thoileach fhathast?
Does voluntary work still get done? Is voluntary work still done? An dèanar obair shaor–thoileach fhathast?
Airson freagairt a tha deimhinneach, cleachdaidh sinn:
Nithear, is done or gets done. Agus airson freagairt a tha àicheil, cleachdaidh sinn:
Cha dèanar, isn’t done or doesn’t get done, Nithear agus Cha dèanar.
Dè mu dheidhinn coimhead air eisimpleir eile?
(Joy beat)
Am faicear an sanas san talla a-màireach?
Will the notice be seen in the hall tomorrow? Am faicear an sanas san talla a-màireach?
Airson It will be seen, a ràdh:
Chithear Agus airsonIt will not be seen:
Chan fhaicear
Chithear agus Chan fhaicear