It’s a kind community
'S e coimhearsnachd laghach a th' innte
We learned in A1 Cuspair 5 that we should use the prepositional pronoun form of ann an which corresponds to the number and gender of the noun, when we are describing or defining it.
This does not apply when answering a question like Dè th' ann?
'S e eaglais mhòr bhrèagha a th' innte.
It's a beautiful big church.
Cò tha os cionn na h-eaglaise?
Who's in charge of the church?
'S e Catrìona NicAoidh a th' ann.
It's Catrìona MacKay. (a tha os cionn na h–eaglaise)
Dè am fuaim a tha sin?
What's that noise/sound?
'S e càraichean a th' ann.
It's cars. (a tha a' dèanamh fuaim)
Cò tha a' dràibheadh a' chàir sin?
Who is driving that car?
'S dòcha gur e Màiri a th' ann.
Maybe it's Màiri. (a tha a' dràibheadh)
Ciamar a chuireas tu na seantansan seo dhan Ghàidhlig?
English | Gaelic |
---|---|
It's a good local school. | |
Aren't they wonderful beaches? | |
Is it a small, beautiful church? | |
It isn't a big busy town. | |
They are tall green trees. |
Seo dhut na freagairtean! Here are the answers!
'S e sgoil mhath ionadail a th' innte.
It's a good local school.
Nach e tràighean iongantach a th' annta?
Aren't they wonderful beaches?
An e eaglais bheag bhrèagha a th' innte?
Is it a small, beautiful church?
Chan e baile mòr trang a th' ann.
It isn't a big busy town.
'S e craobhan àrda uaine a th' annta.
They are tall green trees.