B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Buadhairean coimeasach is feabhasach

Bilingual transcription: Comparative and superlative adjectives

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. An turas seo: buadhairean coimeasach is feabhasach san tràth chaithte agus san tràth chumhach.

JOY

Bidh sibh eòlach air na buadhairean coimeasach is feabhasach, comparative and superlative adjectives, coimeasach is feabhasach, mar math, good, math agus nam biodh sibh airson better a chleachdadh, nas fheàrr, nasfheàrr, agus mu dheireadh, airson best a ràdh, as fheàrr, as fheàrr.

Anns a’ Ghàidhlig, bidh iad seo ag atharrachadh san tràth chaithte, in the past tense.

Mar eisimpleir: Tha an sgeul sin nas fheàrr, That story is better, Tha an sgeul sin nas fheàrr.

Ach anns an tràth chaithte, chanadh tu

Bha an sgeul sin na b’ fheàrr, That story was better, Bha an sgeul sin na b’ fheàrr.

Dè mu dheidhinn gun cleachd sinn buadhairean coimeasach eile san tràth chaithte:

na bu mhiosa, was worse, na bu mhiosa ach airson an fhir a tha feabhasach dha rèir:

a bu mhiosa, was worst, a bu mhiosa.

Agus airson bruidhinn san tràth chaithte mu rud a bha:

na bu lugha, was less, or smaller, na bu lugha,

‘s am fear a tha feabhasach:

a bu lugha, was least, or smallest, a bu lugha.

Gan cleachdadh ann an seantans, gheibh sinn leithid:

B’ e siud an stòiridh a bu mhiosa a chuala mi a‑riamh! That’s the worst story I’ve ever heard! B’ e siud an stòiridh a bu mhiosa a chuala mi a‑riamh!

Agus dè mu dheidhinn aon eiseimpleir eile dhen seo:

Ghlac e am bradan a bu lugha san abhainn.  He caught the smallest salmon in the river,  Ghlac e am bradan a bu lugha san abhainn.