Take two: A wasted journey

An dàrna turas: Siubhal gun siùcar

Let's have a look at this conversation again.

chat avatar

Nach tig thu a–staigh, Iain! Tha thu bog fliuch! Dèan suidhe a–steach ris an teine.

Won't you come in, John! You are soaking wet! Sit in by the fire.

chat avatar

Tapadh leatsa, a Mhàiri. 'S e siubhal gun siùcar a bh' ann an siud.

Thank you, Màiri. That was a wasted journey.

chat avatar

Dè thachair?

What happened?

chat avatar

Cha d' fhuair mi thairis air an aiseag! Bha iadsan a' toirt a chreids(inn) gun robh mi anmoch.

I didn't get over on the ferry! They were making out/claiming that I was late.

chat avatar

Uill, thàinig sin mar chlach às an adhar!

Well, that came out of the blue [lit. like a stone out of thin air]!

chat avatar

Agus cha d' fhuair an seanchas a bh' agam mòran cluaise na bu mhotha. Bha manaidsear a' phuirt a' cur às a chorp mu dheidhinn luchd–turais agus mhìnich esan dhòmhsa mar a bhios cùisean na làithean seo.

And my story didn't get much attention either. The port manager was going on/spouting forth about tourists and he explained to me how things are these days.

chat avatar

Tuigidh mi sin. Tha cùisean air atharrachadh gu mòr ann am beagan bhliadhnaichean. Chan eil cùisean mar a bha iad sna làithean a dh'aom.

I understand that. Things have changed a lot in a few years. Things are not as they were in the old days.

chat avatar

Aig a' cheart àm bha luchd–obrach ri far–chluais aig uinneag na h–oifise!

At the same time there were workers eavesdropping at the office window!

chat avatar

Tha mi cinnteach gun dèanadh iadsan seanchas gu leòr mu na bha a' tachairt. Dè rinn thu an uair sin?

I'm sure they would tell enough stories about what was happening. What did you do then?

chat avatar

Och bha mi air chrith air mo chnàmhan leis an fheirg!

Oh, I was shaking to the bone with anger!

chat avatar

Tha mi cinnteach nach do rinn siud feum sam bith!

I'm sure that did no good!

chat avatar

Ach dè nì thu? Sin mar a tha an saoghal!

But what can you do? That's the way of the world!