Bilingual transcription: Porridge
Bilingual transcription: Lite
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it's lite (porridge).
Dè a chanar sa Ghàidhlig airson ‘porridge’?
Tha dà fhacal sa Ghàidhlig a tha a’ freagairt air ‘porridge’ na Beurla, lite agus brochan .
Is e lite no lit’ a gheibhear ann an Leòdhas (Lewis ), sna Hearadh (Harris), ann an Siorrachd Rois (Rosshire) , ann an Cataibh (Sutherland), ann am Bàideanach (Badenoch) agus Srath Spè (Strathspey) – lite no lit’ .
Is e brochan a chanas iad ann an Uibhist (North and South Uist) , ann am Beinn na Faoghla (Benbecula) , an Èirisgeigh (Eriskay), Barraigh (Barra), Tiriodh (Tiree) , Muile (Mull), Ìle (Islay) agus Siorrachd Pheairt (Perthshire).
Ged a chanar lite anns na Hearadh agus lit’ air taobh sear Rois, tha brochan acasan cuideachd ach tha brochan nas taine na lite.
Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.