Bilingual transcription: MacKay Country
Bilingual transcription: Dùthaich MhicAoidh
Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?
Tha an sgìre seo àlainn, nach eil? Tha fios gu bheil lorg agad air am facal gleann neo dail airson àite mar seo, ach tha facal eile ann. Airson gleann farsaing am measg bheanntan, tric le talamh ionaltraidh, coltach ris a seo, bithear a’ cleachdadh srath – strath – srath.
Ach chan e srath samhail – the likes of - samhail srath sam bith eile a tha seo.
Chì cuid fàsach fiadhaich. Ach tha làrach iomadh linn an seo:
Sna creagan, chithear sgròban Linn na Deighe – ice-age striations – sgròban Linn na Deighe.
Agus fon fhòid – under the turf – fon fhòid, tha structaran dìomhair bho Linn an Iarainn, uamh-talmhainn – a man-made cave – uamh-talmhainn.
Chuir an cruinn-eòlaiche Ròmanach, Ptolemy, ainm na h-aibhne seo ann an clò sa chlàr ainmeil aigesan. B’ e Nabaros a bh’ air an uairsin, agus an-diugh tha an t-ainm sin air an sgìre air fad, Srath Nabhair – Strath Naver – Srath Nabhair.
Do mhòran, tha ainm an àite seo air a dhlùth cheangal ri cràdh eachdraidheil. Bha Na Fuadaichean cianail duilich anns gach àite, ach gu sònraichte an seo ann an Dùthaich MhicAoidh – Mackay country – Dùthaich MhicAoidh. Bha Diùc Chataibh - the Duke of Sutherland – Diùc Chataibh agus cuid de a luchd-obrach gu sònraichte oillteil nan dol-a-mach.
Tha Catrìona NicLeòid a’ fuireach san t-Srath, agus mion-eòlach air eachdraidh na sgìre.
Calum: Cò ris a bha an àite seo coltach ro Na Fuadaichean?
Calum: Agus dè mun àite sa bheil sinn nar seasamh an-dràsta – Baile fuadaichte Rosail?
CATRÌONA: How many families removed. End of centuries possibly of settlement Evidence of prehistoric Souterrain near here too.
Calum: Innis dhomh mun bhàillidh, Patrick Sellar, air an robh an t-uallach airson daoine fhuadach.
Calum: Dè mun sgìre san latha a th’ ann?
CATRÌONA: Àireamhan sluaigh, cosnadh, beachdan leasachaidh smaa.
Bidh mi daonnan a’ faireachdainn gu math socair faisg air tobhtaichean, an seo tha ballachan còmhdaichte le crotal – lichen – crotal, feannagan làn luachair – rushes – luachair, ann an àite air an robh daoine gu cùramach a’ cumail rian.
Ach dh’fhaodadh gum bi daoine a’ tilleadh gu Rosal. Tha sin gam fhàgail dòchasach mu dè bhios romham an ath thuras a thadhaileas mi.
Mus fhalbh mi à seo, beagan a bharrachd fiosrachaidh mun bhaile fhèin: tha an t-ainm-àite Rosal a’ tighinn bhon t-seann Lochlannais “hross völlr” a’ ciallachadh “achadh ionaltraidh eich”. A-rèir choltais bha an seòrsa feur a tha seo a’ dèanamh cron air crodh, ach bha e a’ freagairt air – it suited – a’ freagairt air eich.
Bha mi a-riamh a’ smaoineach orm fhìn mar àigeach!
Joy, dh’fhaodainn a bhith seo a’ cnàmh na cìre – chewing the cud – a’ cnàmh na cìre airson greis…
Blasta?!