Literature, spelling and literacy

Litreachas, litreachadh agus litearrachd

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.

Tòisichidh sinn le trì faclan a tha coltach ri chèile ach nach eil idir co‑ionnan:

litreachas, literature,litreachas.

Am facal airson spelling  litreachadh, litreachadh.

Agus am facal airson literacy litearrachd, litearrachd. 

Nuair a dh'fhosglas sibh leabhar, am bi sibh a' toirt an aire do na duilleagan‑aghaidh, the front pages,na duilleagan aghaidh?

'S dòcha gu bheil sibh dèidheil air bàrdachd, poetry, bàrdachd no air prose, rosg, rosg?

Tha iomadh seòrsa leabhar againn sa Ghàidhlig agus seo cuid dhiubh: neo‑fhicsean, non‑fiction,neo‑fhicsean.

Ach dè mas fheàrr leibh a bhith a’ leughadh ficsean, fiction?Neo‑fhicsean agus ficsean.

Tha cuid ann agus ’s fheàrr leotha novel, uirsgeul, but sometimes also a tale, ’s e uirsgeul as fheàrr leotha, agus tha cuid eile agus ’s e sgeulachd ghoirid, a short storyas fheàrr leothasan.Uirsgeul agus sgeulachd ghoirid.

Ann an uirsgeul, no nobhail mar a chluinnear gu tric an‑diugh, bidh caractaran làidir, strong characters, caractaran làidir, agus mar as trice, bidh còmhradh dialogue,còmhradh, eatarra, caractaran làidir agus còmhradh.

Nise, chan eil mi a’ toirt dhuibh an seo ach geàrr‑chunntas, a summary,geàrr‑chunntas, ach tha mi an dòchas gun do chòrd e ribh.

Agus ma chòrd, nach cuir sibh lèirmheas, a review or  critique,lèirmheas air na meadhanan‑sòisealta againn!