Does anyone have any plans?

A bheil planaichean sam bith aig duine (sam bith)?

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will be able to have this conversation! It's full of useful phrases that you can adapt to suit a whole range of situations.

chat avatar

Dè tha sinn a' dol a dhèanamh a-nis? A bheil planaichean sam bith aig duine (sam bith)?

What are we going to do now? Does anyone have any plans?

chat avatar

Tha mise a' dol a-mach gu biadh an-dràsta. Agus an uair sin tha mi 'n dòchas gun tèid mi air a' bhus a Lunnainn. Coinnichidh mo charaid Ealasaid rium aig an stèisean. Bidh mi ann airson latha no dhà.

I am going out for a meal just now. And then I hope that I'll go on the bus to London. My friend Elizabeth will meet me at the station. I'll be there for a day or two.

chat avatar

A' chiad rud: feumaidh mise falbh dhachaigh. An dàrna rud: tha mi a' dol a stad aig a' bhùth air an rathad dhachaigh airson bainne. Tha mo mhàthair a' tighinn a-màireach. 'S toil leatha tì, mar a tha fhios agaibh. Agus an treas rud? Bainne, tì ... agus aran!

The first thing: I have to go home. The second thing: I am going to stop at the shop on the way home for milk. My mother is coming tomorrow. She likes tea, as you (all) know. And the third thing? Milk, tea ... and bread!

chat avatar

Cuin a choinnicheas sinn a-rithist ma-thà?

When will/shall we meet again, then?

chat avatar

Uill, bidh mise trang aig m' obair airson mìos eile.

Well, I'll be busy at work for another month.

chat avatar

Mìos eile?

Another month?

chat avatar

A' chiad latha a bhios mise saor, 's e Disathairne, an còigeamh latha dhen ath-mhìos.

The first day I will be free will be Saturday the fifth of next month.

chat avatar

Tha mi 'n dùil gum bi sinn air saor-làithean an uair sin. Tha sinn a’ dol air an trèan dhan Fhraing airson seachdain. Bidh sinn air-ais air an deicheamh latha dhen ath mhìos.

I expect I'll be on (my) holidays then. We are going on the train to France for a week. We'll be back on the tenth (day) of next month.

chat avatar

Bidh mise an seo! Chan eil mi 'n dùil a dhol a dh'àite. Bidh an co-là-breith agam air an fhicheadamh latha dhen ath mhìos. Tha mi 'n dòchas gun tig sibh a-mach gu biadh còmhla rium. Nach tig?

I'll be here! I don't expect to go anywhere. My birthday is (will be) on the 20th of next month. I hope that you'll all come out for a meal with me. Won't you come?

chat avatar

Thig!

We will (come)!