B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Tha ceistean ann fhathast

Take two: Questions remain

Let’s have a look at this conversation again.

Nam biodh a h-uile duine a’ cur ri iomairtean uaine, dh’fhaodamaid a bhith neodrach a thaobh carboin agus diofar a dhèanamh! If everyone contributed to green initiatives, we could be carbon neutral and make a difference!
Ach tha ceistean ann fhathast. Chan e a-mhàin daoine leotha fhèin agus deagh-rùn a dh’fheumar airson iomairtean uaine ach coimhearsnachdan, comhairlean, riaghaltasan agus, gu sònraichte, gnìomhachasan. But there are still questions. It is not only individual people and good will that are needed for green initiatives but communities, councils, governments and, especially, businesses.
Chan eil sinne a’ dèanamh ro dhona aig an taigh. Tha panailean-grèine is teasachadh-grèine againne. We are not doing too badly at home. We have solar panels and solar
Cha bhiodh cus feum air tuathanas-grèine ann an Alba, ge-tà! There would not be much need for a solar-farm in Scotland, though!
An fhìrinn a th’ agad! Ach chan eil dìth gaoithe an seo. Tha lùth-gaoithe a’ dol bho neart gu neart, nach eil, le crainn-ghaoithe air feadh an àite! You said it! [You have the truth!] But there is no lack of wind here. Wind energy is going from strength to strength, isn’t it, with wind turbines all over the place!
Dìreach, agus tha dealan-uisge no hàidreo air a bhith againn gu cunbhalach airson ceithir fichead bliadhna. Exactly, and we have had hydro or hydropower consistently for eighty years.
Tha briathrachas ùr co-cheangailte ris a’ chuspair seo, ach tha abairt a tha mi air a bhith a’ cluinntinn thall ‘s a bhos agus tha i a’ cur cais orm. Dè fon ghrèin a th’ ann an nighe-uaine? There is a lot of new terminology associated with this subject, but there is a phrase that I have been hearing over and over and it annoys me. What on earth is green-washing?
‘S e cleas ann an nighe-uaine. Bidh cuid de chompanaidhean gu meallta a’ cur air adhart nan oidhirpean àrainneachdail aca, mar eisimpleir companaidh luath-fhasanta ag àrdachadh aodach ath-chuairtichte Green-washing is a trick. Some companies falsely promote their environmental efforts, for example a fast-fashion company promoting recycled clothing.
No dè mu dheidhinn companaidh ola a bhios a’ cur cuideam air iomairtean ath-nuadhachail, no iomairtean uaine, fhad ‘s a tha iad ag amas air connadh fosail. Or what about an oil company emphasising renewable initiatives, or green initiatives, while targeting fossil fuels.
Ach ‘s cinnteach gu bheil daoine a’ fàs glic a-nis. Ciamar a bhios sinn a’ dèanamh cinnteach gum bi na gnìomhachasan sin dha-rìribh dealasach a thaobh atharrachadh? But surely people are getting wiser now. How do we make sure these businesses are truly committed to change?
Sin far a bheil ath-choillteachadh, ath-fhiadhachadh agus glacadh carboin a’ tighinn a-steach. Cha bhi sinn dìreach a’ bruidhinn air gnìomh, bidh sinn a’ gabhail smachd air cùisean. That’s where reforestation, rewilding, and carbon capture come in. We won’t just talk about action, we’ll take control of matters.