B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Atharrachadh na gnàth-shìde

Climate change

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.

‘S e cuspair farsaing a th’ anns a’ ghnàth-shìde.  Bidh sinn tric a’ bruidhinn air atharrachadh  na gnàth-shìde, climate change, atharrachadh na gnàth-shìde.

Agus maille ris a’ ghnàth-shìde, gu tric tha so-sheasmhachd, sustainability, so-sheasmhachd, ach feumaidh sinn a bhith gnìomhach!

Agus tha gnìomh agus a bhith gnìomhach a’ buntainn ri puing gràmair ris an canar aogas, aspect, agus tha aogas leantainneach, continuous aspect, againn nuair a tha thu an sàs ann a bhith a’ dèanamh rud thairis air ùine.

Mar eisimpleir, Bidh mi a’ dol …I’ll be going, Bidh mi a’ dol, seach Thèid mi. ‘I’ll go’. 

Nach coimhead sinn air eiseimpleir eile cuideachd: Bha mi a’ fantail …, I was staying, gnìomh a bha a’ tachairt thairis air ùine, Bha mi a’ fantail, seach Dh’fhan mi …, ‘I stayed’, gnìomh a tha dèanta, dh’fhan mi … Thachair e agus sin e. 

Ach gheibhear aogas leantainneach le Tha agus ainmear gnìomhaireach sa ghuth fhulangach cuideachd. Airson sin, cleachdar ga ron ainmear ghnìomhaireach, mar eiseimpleir:

Tha milleadh  ga dhèanamh, damage is being done, Tha milleadh ga dhèanamh.

Nach toir sinn sùil air eisimpleir eile:

Tha feansaichean ùra gan cur suas/ an-dràsta, New fences are being put up just now …Tha feansaichean ura gan cuir suas an-drasta. 

Sin an t-aogas leantainneach, the continuous aspect Ach nach toir sinn sùil a-nis air a’ ghuth fhulangach leis a’ ghnìomhair ‘rach’.

An tèid fuasgladh a lorg?

Can a solution be found? An tèid fuasgladh a lorg?

Agus airson a’ cheist sin a fhreagairt ma tha thu ag aontachadh:

Thèid, It can, Thèid

Agus mur a h-eil thu ag aontachadh: 

Cha tèid, It can’t, Cha tèid.