An dàrna turas: Aren't fossil fuels still being used?

An dàrna turas: Nach eil connaidhean-fosail fhathast gan cleachdadh?

Let's have a look at this conversation again.

chat avatar

Saoil a bheil cumhachdan ath-nuadhachail gan leasachadh mar bu chòir?

Do you think renewables are being developed properly?

chat avatar

Cha chreid mi gu bheil. Chan eilear a' leasachadh cumhachdan ath-nuadhachail mar bu chòir. 'S e obair gun chrìoch a bhios an sin!

I don't think so. Renewables aren't being developed properly. That's a never-ending task!

chat avatar

Fuirich mionad! Ma bhios sinn a' bruidhinn air Alba, thathas a' dèanamh mòran. 'S ann bho chumhachd ath-nuadhachail a thàinig 98% dhen dealan a chaidh a chleachdadh an-uiridh.

Wait a minute! If we're talking about Scotland, a lot is being done. 98% of the electricity used last year came from renewables.

chat avatar

Tha an tuathanas-gaoithe—air tìr—as motha ann am Breatann ann am Baile na h-Eaglaise, faisg air Glaschu. Agus tha cumhachd làn-mara is hàidreo ann cuideachd.

The largest onshore wind farm in Britain is in Eaglesham near Glasgow. There is also tidal and hydropower.

chat avatar

Ach an deach prìsean ìsleachadh ri linn sin?

But have prices been reduced as a result?

chat avatar

Cha deach. 'S e deasbad eile a tha sin, gu mì-fhortanach. Chan eil smachd gu lèir air cumhachd no ro-innleachd chumhachd ann an làmhan Riaghaltas na h-Alba.

No (they haven't). That's a different debate, unfortunately. The Scottish Government doesn't have full control over energy or energy strategy.

chat avatar

Dè tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh gus ar beatha a dhèanamh nas so-sheasmhaiche, ma-thà?

What is the Scottish Government doing to make our lives more sustainable, then?

chat avatar

Tha smachd agus ro-innleachdan aca airson bith-iomadachd, eaconomaidh chuairteach is truilleis, leasachadh so-sheasmhach, Neoini Lom agus eimiseanan.

They have control and strategies for biodiversity, the circular economy and waste, sustainable development, Net Zero and emissions.

chat avatar

Ach nach eil connaidhean-fosail fhathast gan cleachdadh?

But aren't fossil fuels still being used?

chat avatar

Tha gu dearbh. Ged a dhùin a' mhèinn guail mu dheireadh ann an 2002, tha sinn fhathast a' cleachdadh connaidhean-fosail—ola, peatral, dìosal agus gas!

They are indeed. Although the last coal mine closed in 2002, we still use fossil fuels—oil, petrol, diesel and gas!

chat avatar

Tha sin fìor, gu h-àraidh air a' Ghàidhealtachd is sgìrean dùthchail far nach eil roghainn ann, mar as trice. Ach an Calor Gas—tha i cùbhraidh 's tha i math!

That's true, especially in the Highlands and rural areas where there is usually no choice. But Calor Gas—it smells good and it's good!

chat avatar

Nach ist thu! Chan eil i cho math sin. Nach eil fhios gun deach truailleadh àile adhbharachadh gu tur le mac an duine is iad a' cleachdadh connaidhean-fosail?

Be quiet! It's not that good. Isn't it known that air pollution was caused entirely by humans using fossil fuels?

chat avatar

Tha gu dearbh. Ach an tèid fuasgladh a lorg?

Yes, it is. But can a solution be found?