Feuch e: The very beginning

Feuch e: Toiseach tòiseachaidh

Your turn now. Answer the questions any way you like. There is no wrong answer here!

chat avatar

Anna, ciamar a bheir daoine an cuid Gàidhlig air adhart air an ceann fhèin?

Anna, how do people improve their Gaelic on their own?

chat avatar
Tha an làrach-lìn LearnGaelic.scot a' cur thairis le goireasan agus molaidhean. Tha stuthan ann cuideachd a bhios gu sònraichte ag amas air na h-ìrean as àirde, C1 agus C2. The LearnGaelic.scot website is overflowing with resources and advice. There are also materials that specifically focus on the higher levels, C1 and C2.
Le bhith a' cur eòlas air luchd-labhairt na Gàidhlig, fileantaich is luchd-ionnsachaidh, agus a bhith a' dol gu cearcall còmhraidh gu bitheanta. By getting to know Gaelic speakers, native/fluent and learners, and going to a conversation circle often.
Tha e feumail ma nì daoine beagan gu sìor-ghnàthach. Èist ri Rèidio nan Gàidheal, coimhead air BBC ALBA, lorg clàradh air Tobar an Dualchais, is mar sin air adhart. Gach latha! It's useful if people can do a little habitually. Listen to Radio nan Gàidheal, watch BBC ALBA, find a recording on Tobar an Dualchais, and so on. Every day!