Take two: The gallery of heroes

An dàrna turas: Gaileiridh nan gaisgeach

Let's have a look at this conversation again.

chat avatar

Nam biodh Gaileiridh nan Gaisgeach againn, cò chuireadh tusa ann, Iain?

If we had a gallery of heroes, who would you put there, John?

chat avatar

Mar a tha fhios againn, chan eil gainnead ghaisgich ann an saoghal na Gàidhlig san linn seo.

As we know, there is no shortage of heroes in the Gaelic world in this age/century.

chat avatar

Agus chan eil sgeul air sabaid ach airson còraichean agus strì airson foghlam!

And there is no sign of fighting ]except for rights and struggle for education!

chat avatar

Nach tòisich sinn le foghlam agus Iain Nòbail? Cha b' e tidsear no òraidiche a bh' ann, ge-tà—ach bancair-malairt. Air sgàth na lèirsinn' aige tha Sabhal Mòr Ostaig ann.

Let's [not] start with education and Iain Noble? He was not a teacher or a lecturer, however—but a merchant banker. Because of his vision, Sabhal Mòr Ostaig exists.

chat avatar

Tha muinntir an t-Sabhail agus na daoine a bha ann bho thùs, airidh air moladh, agus iomadach Gàidheal a chùm taic ris.

The people of Sabhal Mòr and the people who were there from the beginning, deserve praise, and many Gàidheil/Gaels who supported him.

chat avatar

Cha tug sinn iomradh air an luchd-teagaisg—aig sgoiltean, colaistean is oilthighean a bhios a' cumail taic ris a' Ghàidhlig.

We did not mention the teachers—at schools, colleges and universities who support Gaelic.

chat avatar

Na dìochuimhnicheamaid na pàrantan is clann.

Let's not forget the parents and children.

chat avatar

Thug thu iomradh air strì, agus dhomhsa, rinn fear Fionnlagh MacLeòid, no Fionnlagh Strì, mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e, sàr obair ann an bhith a' cur air bhonn Comhairle nan Sgoiltean Àraich.

You mentioned struggle, and for me, one man, Finlay MacLeod, or Fionnlagh Strì, as he was better known, did a great job in setting up Comann nan Sgoiltean Àraich (The Scottish Gaelic Pre-School Council).

chat avatar

Sin fear lèirsinneach eile. Thuig esan glè mhath an seanfhacal 'an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach'. Bha foghlam dà-chànanach anns na h-Eileanan an Iar, ach am biodh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann mura biodh esan ann anns na tràth bhliadhnaichean?!

That's another insightful person. He understood very well the proverb 'an t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach'. There was bilingual education in the Western Isles, but would there be Gaelic-medium education if he wasn't there in the early years?!

chat avatar

Agus b' e siud an staran do Ghàidheil òga a bhith a' cosnadh am beòshlaint sa chànan aca fhèin.

And in that was the path [stepping stones] for young Gàidheil/Gaels to earn their living in their own language.

chat avatar

Dè mu dheidhinn curaidhean a' chraolaidh?

What about the champions of broadcasting?

chat avatar

Thòisich prògraman rèidio sa Ghàidhlig beagan is ceud bliadhna air ais. Cò shaoileadh nuair a thòisich Comataidh Telebhisean Gàidhlig bho chionn 30 bliadhna air ais gum biodh sianal Gàidhlig againn, BBC ALBA.

Radio programmes in Gaelic began a little over a hundred years ago. Who would have thought when the Gaelic Television Committee started 30 years ago that we would have a Gaelic channel, BBC ALBA.

chat avatar

Cha robh sin soirbh. Rinn iomadh Gàidheal is Gall—neach-poilitigs fiù 's—sàr obair gus sin a thoirt gu buil agus tha iad uile rim moladh.

That was not easy. Many Gaels/Highlanders and Lowlanders—politicians even—did amazing work to make that happen and they are all to be commended.