Bilingual Transcription: Criomagan Dualchainnt
Bilingual transcription: Criomagan Dualchainnt
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it's deiseil (ready).
Dè a chanar sa Ghàidhlig airson ready?
Gheibhear deiseil ann an Uibhist (North and South), ann am Beinn na Faoghla (Benbecula), anns an Eilean Sgitheanach (Skye) agus ann an Ratharsair (Raasay), deiseil .
Ann an Leòdhas (Lewis ), Sgalpaigh na Hearadh (Scalpay, Harris) agus air taobh siar Rois (Wester Ross) is e deiseoil a chanas iad ged a chluinnear deis uaireannan - deiseoil neo deis .
Gheibhear deas san iar-dheas, ann an Tiriodh (Tiree), ann am Muile (Mull), ann an Ìle (Islay) , ann an Diùra (Jura), ann an Cinn Tìre (Kintyre), ann an Taigh an Uillt (Taynult), ann am Meadarloch (Benderloch), agus san Apainn (Appin) - deas .
(Is e deis agus ullaidh a gheibhte ann an Siorrachd Pheairt agus ullu air taobh sear Rois)
Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.