The meaning of life

Brìgh na beatha

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

chat avatar

Ceart, a chàirdean, gu leòr dhen seo! Chan eil math dhuinn a bhith a' màirnealachd an seo.

Right, friends, enough of this! It is not good for us to be procrastinating here.

chat avatar

Tha e math dhan inntinn agus do/dha na comasan-inntinn a bhith a' meòrachadh air cùisean.

It is good for the mind and the mental faculties to reflect on things.

chat avatar

'S fheàrr leamsa a bhith gnìomhach, gun a bhith nam shuidhe (air mo thòn) a' cnuasachadh agus a' cabadaich!

I prefer to be active, not sitting (on my backside) ruminating/chewing the cud and chatting!

chat avatar

Nach cuala tu gun urrainn dhut a bhith a' cnuasachadh agus a' coiseachd aig an aon àm? Tha e uamharraidh math airson fuasgladh fhaighinn air iomadh ceist is duilgheadas.

Haven't you heard that you can meditate and walk at the same time? It is very good for solving many questions and problems.

chat avatar

A bheil sibh a' tarraing asam?

Are you kidding me?

chat avatar

Chan eil! Iòga? Tai Chì? Co-dhiù, nach eil e cudromach a bhith a' beachdachadh air na h-imcheistean as doimhne a th' ann?

No! Yoga? Tai Chi? Anyway, isn't it important to consider the deepest dilemmas?

chat avatar

Dè na h-imcheistean a bhios an sin?

Which dilemmas would those be?

chat avatar

Nach tòisicheamaid le 'Dè am bun-stèidh na moraltachd?'?

Why don't we start with 'What is the basis of morality'?

chat avatar

No a bhith a' toirt an aire do/dha na dòighean anns am bi sinn gar giùlan fhèin nar beatha—ar modh-giùlain?

Or paying attention to the ways in which we conduct ourselves in life—our behaviour?

chat avatar

Nach bi thu a' gabhail beachd air brìgh na beatha?

Don't you think about the meaning of life?

chat avatar

Feumaidh mi aideachadh gun do bhreithnich mise air a sin, corra uair.

I must admit that I have considered that, a few times.

chat avatar

Cha bhi mise a' caitheamh ùine a' breithneachadh air gnothaichean cho faoin! Nach eil gnothaichean eile againn ri dhèanamh an-diugh?

I will not waste time judging such trivial matters! Don't we have other things to do today?