Take two: A cosmic dance

An dàrna turas: Dannsa cosmach

Let's have a look at this conversation again.

chat avatar

An do smaoinich thu mar a bhios na mòr–thìrean a' gluasad air rùsg na Talmhainn?

Have you thought about how the continents move on the Earth's crust?

chat avatar

Cò air a tha thu a–mach a–nis? Tha sinn air a bhith a' bruidhinn mu na speuran agus na chithear san iarmailt.

Who are you on about now? We have been talking about the skies and what can be seen in the heavens. 

chat avatar

A bheil thu ag ràdh nach eil sin inntinneach a–nis?

Are you saying that's not interesting now?

chat avatar

Chan eil. Tha e inntinneach. Tha e riatanach! Tha mi a' bruidhinn a–nis air na tha fo ar casan. Tha mi a' bruidhinn air an Talamh.

No. It is interesting. It is necessary! I am talking now about what is under our feet. I'm talking about the Earth.

chat avatar

Tha mise a' tuigsinn. Saoilidh mi gur e dannsa cosmach a th' ann eadar an Talamh agus na speuran!

I get it. I think it's a cosmic dance between the Earth and the sky!

chat avatar

Sin e dìreach. Tha làbha air ghoil a' cruthachadh cruth–tìre ùr a bhios ann—uaireigin!

That's just it. Boiling lava is creating a new landscape that will exist—someday!

chat avatar

Aig a’ cheart àm, gu h–àrd, tha iom–tharraing gar cumail air thalamh agus an Talamh againn ann an reul–chuairt na grèine.

At the same time, above, gravity keeps us on earth and our Earth in the orbit of the sun.

chat avatar

Agus tha an Talamh air iadhadh le saidealan a bhios a' cumail sùil air bruthadh–àile fad na h–ùine.

And the Earth is surrounded by satellites which monitor atmospheric pressure all the time.

chat avatar

A bheil tuilleadh eòlais agad dhuinn?

Do you have more knowledge for us?

chat avatar

Uill, ged a bhios an raon magnaiteach gar dìon an seo bho ghaothan na grèine, tha claonadh na Talmhainn a' toirt dhuinn na ràithean.

Well, although the magnetic field protects us here from the solar winds, the Earth's tilt gives us the seasons.

chat avatar

Iongantach! Agus le sin thig làithean nas fhaide as t–samhradh agus làithean nas giorra sa gheamhradh.

Amazing! And with that come longer days in the summer and shorter days in the winter.

chat avatar

Tha tòrr a' dol eadar eitean na Talmhainn agus Slighe Chlann Uisnich!

There's a lot going on between the Earth's core and the Milky Way!