Bilingual transcription: Towel

Bilingual transcription: Tubhailt

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it's about tubhailt (a towel). 

Dè a chanar sa Ghàidhlig airson towel?   

Tha dà fhacal a’ freagairt air ‘towel’ na Beurla, agus ‘s e faclan iasaid a th’ anns na dhà. Ann an Leòdhas (Lewis),  canaidh cuid  tubhailt no dubhailt tubhailt no dubhailt, agus tha am facal sin a’ tighinn on Bheurla Ghallta ‘towel’, le t air a chur ris aig an deireadh.   

Anns na dualchainntean anns a’ chòrr de na h-Eileanan Siar (rest of the Western Isles) , an t-Eilean Sgitheanach (Skye) , Ratharsair (Raasay) agus Muile (Mull), ‘s e searbhadair a chanas iad – searbhadair . Tha seirbheadar a’ tighinn on Bheurla Ghallta servitor a bha ciallachadh ‘table-napkin’ no ‘hand-towel’. 

Anns na sgìrean far an cluinnear searbhadair, tha tubhailt  no dubhailt, ga chleachdadh airson ‘table-cloth’. 

Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.