Bilingual transcription: The stars

Bilingual transcription: Na reultan

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.

Nach gabh sinn cuairt tro speuran na Gàidhlig!

Tha sinn a' dol a choimhead air an tràth chumhach sa ghuth fhulangach, the conditional tense in the passive voice, le beagan taic bho bhriathrachas nam planaidean.

'S fear a tha cudromach, sin:an crios–grèine, the solar system, an crios–grèine.

Agus aonan eile a tha gu math cumanta, chanainn:

speuran, sky, neo math dh'fhaodte heavens, speuran

Nis, bidh cuimhn' agaibh gum bi sinn a' cleachdadh an tràth chumhaich mar a chuireadh sinn would neo could an cèill ann am Beurla.

Dh'ionnsaich sinn mu faic, see, faic, agus would be seen, faicte, faicte, roimhe.

Ach dè mu dheidhinn ceistean agus freagairtean a' cleachdadh faicte.

Am faicte na reultan na bu shoilleire an sin?

Would the stars be seen more brightly there? Am faicte na reultan na bu shoilleire an sin?

Airson freagairt dheimhinneach, a positive answer, canaidh sinn, Chìte…:

Chìte na reultan …

The stars would be seen, Chìte na reultan…

Agus an fhreagairt àicheil, Chan fhaicte…

Chan fhaicte …

Would not be seen… Chan fhaicte na reultan.

Thathas a' bruidhinn air rud a tha a' tachairt san latha a th' ann, nowadays.

Ach leis an tràth chumhach, tha ciall eile ann: gun robh rudan a' tachairt san àm a dh'fhalbh, rud ris an canar the habitual past tense.

Am bite a' coimhead air na reultan le prosbaig?

Would the stars be viewed with a telescope? Am bite a' coimhead air na reultan le prosbaig?

Agus an fhreagairt dheimhinneach a' cleachdadh, Bhite…:

Bhite a' coimhead …

The stars would have been viewed… Bhite a' coimhead.

Agus an fhreagairt àicheil,) Cha bhite…

Cha bhite … the stars would not have been viewed, Cha bhite a' coimhead.