Bilingual transcription: Space

Bilingual transcription: Fànas

SEONAG: Tha na dealbhan sin math, a Luc. Bu chòir dhut a bhith a' dèanamh barrachd leis na camarathan agad! 

LUC: B' àbhaist dhomh a bhith a' togail dhealbhan gun sguir ach chan eil tòrr ùine agam a–nise. Latha brèagha air choireigin! 

Ach 's ann san oidhche a tha an ùidh agaibh fhèin, a Sheonag! 

SEONAG: 'S ann agus tapadh leat airson iasad den phrosbaig. Tha mi airson tè nas làidire na th' agam an–dràsta a cheannach, agus bidh e math i seo fheuchainn an toiseach. 

LUC: Dè a thog d' ùidh ann am fànas? 

SEONAG: Bhithinn a' seasamh a–muigh aig ceann an taighe còmhla ri mo sheanair nuair a bha        na h–oidhcheannan dubh–dorcha. Chìte An Crann, An Sealgair Mòr, Crios an t–Sealgair... agus dh'innseadh e stòiridhean mu rionnag an earbaill. 

LUC: Cha b' e reuladairean a bha sa ghinealach sin ach bha iad mion–eòlach air comharran. Bhite a' toirt aire gu h–àraid dhan ghealaich. Bha i cho cudromach air sgàth a buaidh air na tìdean–mara. Gealach ùr, gealach làn, gealach fhann, corran–gealaich. 

SEONAG: Nuair a chuir mac an duine innealan a dh'iadhadh mu chuid a phlanaidean, agus speuradairean chun na gealaich, bha sin cho iongantach. Bha mise a' leantainn a h–uile misean Apollo. 

LUC: Bhiodh sin air a bhith gu math inntinneach. 

SEONAG: Aig an àm a chaidh Apollo a h–aon deug (11) chun na gealaich, bha co–dhiù aon bhodach anns a' bhaile againn nach do chreid gun deach duine dha–rìribh ann. 

LUC: Càit an cleachd sibh a' phrosbaig? Tha cus sholais anns a' bhaile. 

SEONAG: Tha i glè dhorcha mun cuairt an Lot Bheag. Gheibhte sealladh math dhe na speuran an sin. Chan eil càil coltach ri bhith a' coimhead bhon starsaich agad fhèin. 

LUC: Am faca sibh gu bheil daoine air a bhith a' faighinn dhealbhan mìorbhaileach dhe na Fir Chlis aig tuath. 

SEONAG: Tha na meadhanan sòisealta air a bhith làn dhiubh!  Is toil leam an t–ainm Gàidhlig, Fir Chlis, seach am fear Laideann. 

“Nuair a bhios na fir–chlis ri mire 's gann nach dèan iad milleadh.” 

LUC: Well tha mi 'n dòchas gum faic sibh iad, ach tha direach dà rud eile a dh'fheumte nuair a thathas a–muigh leis a' phrosbaig! 

SEONAG: Dè a tha sin? 

LUC: Aodach blàth agus foighidinn!