Bilingual transcription: Counting systems
Bilingual transcription: Siostaman cunntaidh
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.
JOY
Tha diofaran cuideachd ann an cunntadh anns a' Ghàidhlig – nach toir sinn sùil air a seo. San t–siostam cunntaidh ùr, tha fichead, twenty, fichead , airson thirty a ràdh, sin (Joy beat) trithead, trithead agus ma tha sinn airson fifty a ràdh, sin caogad, caogad,Seo an siostam ùr agus 's e a thathas a' cleachdadh anns na sgoiltean .
Ach bidh daoine aig an robh Gàidhlig bho thùs gu tric a' cunntadh ann am ficheadan:
fichead, twenty, fichead agus an uairsin deich air fhichead, thirty, deich air fhichead , agus fifty, sin leth–cheud, leth–cheud.
Agus gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mu na siostaman cunntaidh air an làraich againn.