Take two: Boxes and boxes
An dàrna turas: Bucais is bogsaichean
Let's have a look at this conversation again.

Cuiridh mi geall gu bheil buaidh nam meadhanan sòisealta agus an eadar–lìn air a' Ghàidhlig aca.
I bet that social media and the internet have an effect on their Gaelic.

Bidh buaidh a' bhaile mhòir air a' Ghàidhlig anns na sgoiltean cuideachd. Sin far a bheil a' mhòr–chuid de chloinn ag ionnsachadh, no a' togail, na Gàidhlig a–nis.
Gaelic in the schools will also be influenced by the city. That's where most children are learning, or picking up, Gaelic now.

Cha b' ann mar sin a bha e nuair a bha mise a' fàs suas.
It wasn't like that when I was growing up.

Cha b' ann mar sin a bha e nuair a bha mise a' cinntinn suas mar a theireadh m' antaidh ann an Lios Mòr.
It wasn't like that when I was growing up, as my aunt would say in Lismore.

Agus cha b' ann mar sin a bha e nuair a bha m' athair ag èirigh suas ann an Leòdhas.
And it wasn't like that when my father was growing up in Lewis.

Ooo, tha mi a' smaoineachadh, no a' smaointinn, gur e geama a bhios againn an seo!
Ooo, I think, or think, we're going to have a game here!

Saoilidh mi gur e deagh gheama a bhiodh ann gun teagamh. Dè chanadh tusa airson bucas?
I think it would be a good game without a doubt. What would you say for box?

Chan e bucas a th' ann, ach bogsa! Dè chanadh tusa airson òran?
It's not a box, but a box! What would you say for a song?

Nach eil fhios agad nach e òran a th' ann ach amhran?! An canadh tu 'is caomh leam' no 'is toigh leam'?
Don't you know it's not a song but a song?! Would you say 'I love/like' or 'I love/like'?

Cha chanainn sin, ach theirinn 'tha mi toigheach air' leis gur ann à Earra–Ghàidheal a tha mi!
I wouldn't say that, but I'd say 'I like it' because I'm from Argyll!

Ah, bha thu a' fantail ann an Earra–Ghàidheal, ach a–nis tha thu a' fuireach—no a' còmhnaidh—air a' Ghalltachd!
Ah, you used to live in Argyll, but now you live–or reside–in the Lowlands!

Ach, a chàirdean, cha tug sinn iomradh air bùrn is uisge fhathast!
But, friends/guys, we haven't mentioned water and water yet!