Harris Gaelic

Gàidhlig na Hearadh

Choose one clip out of the five clips we heard. Listen to the first twenty seconds, but don't look at the transcription this time. See if you can transcribe it yourself.

You can listen to the clip over and over until you get used to what people are saying.

Gàidhlig na Hearadh

Marion NicLeòid:

Gàidhlig an Eilein Sgitheanaich

Seònaid NicLeòid:

Ailig Dòmhnallach:

Seònaid NicLeòid:

Ailig Dòmhnallach:

Alasdair MacNeacail:

Gàidhlig Bharraigh

Coinneach MacFhionghain:

Gàidhlig Leòdhais

Coinneach MacÌomhair:

Gàidhlig Uibhist a Deas

Iain Caimbeul:

Ciamar a chaidh dhut? How did you get on?

Gàidhlig na Hearadh

Marion NicLeòid: Sìth is sonas saoilidh mi, as fheàrr leam anns na h–eileanan.

'S toil leam, mar gum biodh, bhiodh tu ag èirigh a h–uile là ann a shin is chan eil uallach ort taca ri mar a bhiodh tu anns a' bhaile mhòr.

Mar gum biodh suidheachadh uabhasach socair agad anns na h–eileanan. Dòigh–beatha socair ann.

Nan tachradh càil dhut, tha an–còmhnaidh cuideigin ann leis an èibheadh tu, cha dèanadh tu sin sa bhaile mhòr saoilidh mi.

Gàidhlig an Eilein Sgitheanaich

Seònaid NicLeòid: Bidh mise a' togail dhealbhan agus tha mi a' smaoineachadh, 's e rud mu dheidhinn an eilein, 's e solas a th' againn.

Tha solas cho diofraichte can tràth sa mhadainn no feasgar no ciaradh na h–oidhche.

Ailig Dòmhnallach: Agus bidh thu gan cur air Flickr, nach bi?

Seònaid NicLeòid: Bidh, am bi thu gan coimhead Ailig?

Ailig Dòmhnallach: Bidh, corra uair.

Alasdair MacNeacail: Bidh solas a' dol sìos is suas!

Gàidhlig Bharraigh

Coinneach MacFhionghain: Tha sinne fortanach ann a seo, tha deagh nàbaidhean againn, agus daoine coibhneil, ionnsaichte, foghlamaichte, 's e sin na h–Uibhistich.

Agus chan eil sgàthan cho math ri sùil caraid. Agus nuair a tha na h–Uibhistich a' coimhead rinn, an còmhradh aca rinn, 's e mar a chanas iad fhèin, "a' bhruidhinn Bharrach".

Gàidhlig Leòdhais

Coinneach MacÌomhair: Tha cùisean ann a Bhenesuèla troimh–a–chèile; tha iad air a bhith sin bho chionn ùine ach tha iad troimh–a–chèile dha–rìribh a–nise.

Tha spògan dhùthchannan mòra an t–saoghail a' nochdadh san deasbad cuideachd—agus tha mi creids nach fheàirrd' iad sin.

Tha an dùthaich roinnte; far a bheil comas i bhith nas beairtich' na dùthaich sam bith eile an ceann a deas Ameireagaidh, tha an sluagh air teicheadh nan ceudan mìle air sgàth bochdainn.

Gàidhlig Uibhist a Deas

Iain Caimbeul: Fàilt' oirbh gu Mi Fhìn 's Mo Cheòl còmhla riumsa, Iain Caimbeul.

Tha mise à Gearraidh Bhailteas an Uibhist a Deas, ged a tha mi an–diugh a' fuireach air tìr–mòr na Gàidhealtachd, goirid air baile beag brèagha Chill Taraglain taobh a–muigh Inbhir Nis.

'S toil leamsa iomadach seòrsa gnè ciùil, bho cheòl clasaigeach, ceòl jazz, ceòl roc, gu ceòl na pìob–mhòir, agus gu h–àraidh òrain Ghàidhlig.

This isn't easy! And don't worry if you found this difficult. Practice makes perfect! Cùm ort! Keep going—you're doing really well!