What would you want from Santa Claus?
Dè a dh'iarradh tu air Bodach na Nollaige?
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.
Nach tòisich sinn le ceithir gnìomhairean a bhios a' cur miannan is dùilean, wishes and expectations, miannan is dùilean, an cèill.
Tha dà fhacal ann an Gàidhlig le ciall a tha car coltach ri chèile: miannaich ,desire or wish for,miannaich, agus lùig, desire,no math dh'fhaodte, long for, lùig.
Cleachdaidh sinn iad sin ann an seantansan an-dràsta. Mar eisimpleir:
Chan eil mi a' seinn cho tric 's a mhiannaichinn.
I don't sing as often as I'd wish,Chan eil mi a' seinn cho tric 's a mhiannaichinn.
Agus nam biodh sinn airson lùig a chleachdadh ann an seantans:
Lùigeadh i a dhol dhachaigh, She would want to,nowish to, go home!Lùigeadh i a dhol dhachaigh .
Tha an ath ghnìomhair eadar-dhealaichte, sin am facal dùraig, wish, ach tha e cuideachd a' ciallachadh dare or venture,dùraig.
Dh'fhaodar a chleachdadh ann an ceist mar seo:
An dùraigeadh tu sin a ràdh ris?
Would you wish to say that to him?An dùraigeadh tu sin a ràdh ris?
Agus tha aon ghnìomhair eile agam dhuibh cuideachd, sin iarr, ask, iarr, mar a bhios againn ann an ag iarraidh, ach leis an roimhear air, ag iarraidh air , ask of,no fiù 'sdemand of,ag iarraidh air.
'S gus a chleachdadh airson ceist a chur, dè mu dheidhinn:
Dè a dh'iarradh tu air Bodach na Nollaige? What would you want fromSanta Claus?Dè a dh'iarradh tu air Bodach na Nollaige? Tha Bodach na Nollaige an-còmhnaidh fialaidh, nach eil!