Take two: What do you need?

An dàrna turas: Dè tha a dhìth ort?

Let's have a look at this conversation again.

chat avatar

Bha sinn a' meòrachadh air na miannan is na dòchasan againn. Siuthadaibh. Cò tha ag iarraidh tòiseachadh?

We were reflecting on our wishes and hopes. On you go. Who wants to start?

chat avatar

Coltach riut fhèin, Iain, chan eil rudan a dhìth orm. Chan fhairich mi bhuam rud nach robh agam.

Like you, John, I don't need things. I won't miss what I did not have.

chat avatar

Mar sin, dè tha a dhìth ort?

So what do you need?

chat avatar

Bu mhiann leam facal a ràdh mun àrainneachd. Tha fhios gu bheil a h-uile duine measail air a' chuspair sin, ach tha adhbhar ann airson sin!

I would like to say a word about the environment. It is known that everyone loves that subject, but there is a reason for that!

chat avatar

Tha feum againn—mac an duine—tha feum againn air cuideigin a nì rudeigin—agus gu sgiobalta. Tha ceannas a dhìth.

We need—human beings—we need someone to do something—and quickly. Leadership is needed.

chat avatar

Feumaidh ceannardan an t-saoghail ceannas a nochdadh gus am faigheadh a' phlanaid leigheas. 'S e sin bu docha leam, mar a theireadh mo sheanmhair!

(The) World leaders must show leadership so that the planet might heal. That's what I'd prefer/I'd rather, as my grandmother would say!

chat avatar

Chan e nithean a tha bhuamsa [a tha a dhìth orm] nas motha. Am faod mi facal a ràdh mu shìth air an t-saoghal?

It's not things that I need either. Can I say a word about world peace?

chat avatar

Faodaidh gu dearbh! Chan fhuilear dhut!

Of course you can! You have to!

chat avatar

B' fheudar dha na ginealaich romhainn rudan uabhasach, oillteil fhulang gus am biodh sìth san linn againn. Ach a bheil sin a' siabadh air falbh bhuainn?

The generations before us had to suffer terrible, horrible things so that there would be peace in our time. But is that slipping away from us?

chat avatar

Cò bheireadh sìth is sonas dhan t-saoghal? Cha b' fhuilear dhaibh a bhith nan sàr-ghaisgich. An tig air duine sin a dhèanamh?

Who would bring peace and happiness to the world? They would have to be superheroes. Can anyone be compelled/obliged to do that?W

chat avatar

No an tèid aig duine againne sin a dhèanamh?

Or can any of us do that?

chat avatar

Is tric a bheothaich srad bheag teine mòr. A chàirdean, tha againn ri ar miannan agus ar rùintean uile a choileanadh.

A small spark often ignited a big fire. Friends/guys, we have to fulfil all our desires and wishes.