Let us worship

Dèanamaid adhradh

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

chat avatar

An do dh'ionnsaich thusa Ùrnaigh an Tighearna san sgoil nuair a bha thu na b' òige?

Did you learn the Lord's Prayer in school when you were wee?

chat avatar

Dh'ionnsaich. Agus aig an taigh dh'ionnsaich sinn a' Phaidir, a bhios rud beag diofraichte, tha mi a' creidsinn.

We did [learn]. And at home we learned the Our Father, which is a little bit different, I believe.

chat avatar

Bhiodh an tidsear ag ràdh rinn a h–uile madainn: dèanamaid ùrnaigh.

Our teacher would say every morning: let us pray.

chat avatar

Agus tha cuimhn' agam air a' mhinistear, an t–Urramach MacNeacail, aig seirbheisean na sgoile a h–uile bliadhna agus an guth mòr fuaimneach aige: ‘Dèanamaid ùrnaigh' agus 'leughamaid à leabhar ... Eòin'.

And I remember the minister at the school services every year and his booming [big loud] voice: ‘Let us pray’, and ‘Let us read from the book of ... John'

chat avatar

An cuala tu a–riamh Dèanamaid Adhradh air an rèidio?

Did you ever hear Dèanamaid Adhradh [Let us Worship] on the radio?

chat avatar

Chuala, ged nach robh mi ach beag aig an àm.

I did, even though I was only wee at the time.

chat avatar

Bha e mar gun robh seirbheis eaglaise—seirbheis Ghàidhlig—san dachaigh agad fhèin!

It was like having a church service—a Gaelic service—in your own home!

chat avatar

Bhithinn ag èisteachd gu dlùth ris an neach a bhiodh a' cur a–mach na loidhne. Bha sin mìorbhaileach, iongantach dhomh.

I would listen so carefully to the person precenting. That was miraculous, amazing to me.

chat avatar

A Thighearna! Siud am bus agam—tràth—feumaidh mi falbh! Am faic mi a–màireach thu, Dia na thoiseach?

Good Lord! There's my bus—early—I'll have to go! Will I see you tomorrow, God willing?

chat avatar

Aig Dia tha fios! Och, chì—ma cheadaicheas an Cruthaidhear!

Heaven knows! Och, I will—if I am spared [if the Creator allows]

chat avatar

Gum beannaicheadh Dia thu! Mar sin leat!

God bless! Bye!