We'll be seeing you!

Bidh sinn gad fhaicinn!

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

chat avatar

A luaidh, tha A' Mire ri Mòir dìreach air tòiseachadh. Tha an t-òran sin ga chluiche an-dràsta, an t-òran as fheàrr leat.

My dear, A' Mire ri Mòir has just started. That song is playing right now, your favourite song.

chat avatar

Tha mi duilich, a Mham. Chan urrainn dhomh bruidhinn an-dràsta. Tha daoine a-mach 's a-steach agus tha iad gam filmeadh an-dràsta fhèin. Tìoraidh!

I'm sorry, Mum. I can't talk right now. People are (coming) in and out [out and in] and they are filming them / they are being filmed right now. Cheerio/Byeee!

chat avatar

Halò, a Mhàiri. Nach eil a' bhùth fosgailte an-diugh?

Hallo, Màiri. Isn't the shop open today?

chat avatar

Haidh, Fhionnlaigh. Cha bhi madainn an-diugh. Tha aca rim fhilmeadh an seo fad na maidne.

Hi, Finlay. Not this morning. They have to film me here all morning.

chat avatar

Carson nach eil na preasantairean gan clàradh san stiùidio?

Why aren't the presenters being recorded in the studio?

chat avatar

A chionn 's gu bheil iad gam chlàradh mar phàirt de sgeulachd air bùithtean beaga an dèidh a' Ghalair (mòr-sgaoilte).

Because they are recording me as part of a story about small shops post-COVID (post pandemic).

chat avatar

Ach bidh na prògraman gan dèanamh san stiùidio mar as tric, nach bi?

But the programmes are usually made in the studio, aren't they?

chat avatar

Bidh gu dearbh. Ach 's fheàrr dhomh falbh a-nis agus na h-uinneagan a ghlanadh. Feumaidh iad am filmeadh airson a' phrògraim!

They certainly are (made). But I'd better go now and clean the windows. They have to film them for the programme!

chat avatar

Tha pìosan eile againn ri dhèanamh, a Mhàiri. Chan urrainn dhuinn an dèanamh san stiùidio ach thèid againn air ur clàradh feasgar, ma bhios sin nas freagarraiche.

We have other segments to do, Màiri. We can't do them in the studio but we can record you in the afternoon, if that's more convenient.

chat avatar

Tha sibh taghta. 'S fheàrr leamsa an dèanamh cho luath ’s a ghabhas. Tha mi a' call airgid an seo!

You're fine. I'd prefer to do them as soon as possible. I'm losing money here!

chat avatar

Cuin a bhios am prògram seo a' dol a-mach?

When does this programme go out (will be broadcast)?

chat avatar

Bidh am prògram ga chraoladh an ath-oidhche aig ochd uairean. Nise, mar sin leat, Fhionnlaigh. Bidh sinn gad fhaicinn!

The programme will be broadcast tomorrow night at eight o'clock. Now, goodbye, Finlay. We'll be seeing you!