Take two: A lot of kindness can be seen in our community

An dàrna turas: Chithear mòran coibhneis sa choimhearsnachd againne

Let's have a look at this conversation again.  

chat avatar

Saoil an dèanar obair shaor-thoileach sa choimhearsnachd fhathast mar a rinneadh sna seann làithean?

Do you think volunteer work is still done in the community as it was done in the old days?

chat avatar

Nithear. Agus chithear na toraidhean a h-uile latha.

It is (done). And the results can be seen every day.

chat avatar

Cha dèanar! Sin mo bharail-sa co-dhiù. Tha daoine cho fèineil san latha a th' ann. Agus tha sinn air ar cuairteachadh le bochdainn.

It isn't (done)! That's my opinion anyway. People are so selfish these days. And we are surrounded by poverty.

chat avatar

Am faicear daoine ag obair còmhla sa choimhearsnachd mar a chite ron seo?

Can people be seen working together in the community as was seen (previously)?

chat avatar

Chithear. Chithear na bhios mi fhèin/fhìn is mo cho-obraichean a' dèanamh còmhla aig na deireadh-sheachdainean.

They can (be seen). You can see (is can be seen) what I and my colleagues do together at the weekends.

chat avatar

Chan fhaicear gu leòr, tha amharas agam.

It isn't seen enough, I suspect.

chat avatar

Agus cha chluinnear tric mu dheidhinn obair shaor-thoileach is gnìomhan euchdach (deagh-ghnìomhan) anns na naidheachdan.

And volunteer work and good deeds are not often heard about in the news.

chat avatar

Cluinnear mòran mu dheidhinn cho suarach ’s a tha mac an duine ri càch a chèile.

Much is heard about how mean/despicable human beings are to one another.

chat avatar

Chithear mòran coibhneis sa choimhearsnachd againne.

A lot of kindness can be seen in our community.

chat avatar

Nithear oidhirpean mòra deagh-eisimpleir a nochdadh do dh'òigridh na sgìre.

Great efforts are made to set a good example for the youth of the area.

chat avatar

Agus am faigh muinntir na coimhearsnachd mòran às?

And do the people of the community get much out of it?

chat avatar

Gheibh mise toil-inntinn agus togail-inntinn às a sin a tha cumhachdach.

I get satisfaction and inspiration (lifting of spirits) from that which is powerful.