Take two: That is sad news

An dàrna turas: 'S e naidheachd dhuilich a tha sin

Let's have a look at this conversation again.

chat avatar

An cuala tu gun do shiubhail seanair Anna?

Did you hear that Anna's grandfather passed away?

chat avatar

Cha chuala. 'S e naidheachd dhuilich a tha sin. B' e deagh dhuine a bh' ann agus bha esan na shàr phìobaire cuideachd.

I didn't (hear). That is sad news. He was a good man and he was a great piper too.

chat avatar

Tha cuimhne agamsa air na làithean a chuir sinn seachad anns an eilean.

I remember the days we spent on the island.

chat avatar

B' e siud am prìomh rud a shaoil mi nuair a chuala mi an naidheachd. Abair dòlas.

That was the first thing I thought when I heard the news. What heartbreak.

chat avatar

'S mòr am beud nach d' fhuair mi cothrom còmhradh ris aon uair eile.

It's a shame I didn't get a chance to talk to him one more time.

chat avatar

Bu mhòr am beud gu dearbh. Bha Anna cho measail air.

It was a shame indeed. Anna loved him so much (Anna was so fond of him).

chat avatar

Bidh i fhèin agus a màthair fo mhulad leis an naidheachd sin.

She and her mother will be devastated by that news.

chat avatar

Bhiodh e daonnan ag ràdh ri Anna, 'Tha mi cho pròiseil asad.' Och, bidh i a' gul is a' caoineadh gu goirt.

He always said to Anna, 'I'm so proud of you.' Oh, she'll be weeping and crying bitterly.

chat avatar

Cha bhi beud oirre, am bi?

She'll be alright, won't she?

chat avatar

Tha amharas agam gum bi. Tha cuimhn' agamsa mar a thachair le a seanmhair, nach maireann. Chaidh Anna sìos na h-inntinn gu mòr an uair sin.

I suspect she won't. I remember what happened with her late grandmother. Anna got very down (depressed) at that time.

chat avatar

Nach eil fhios gu bheil faireachdainnean agus slàinte, gu h-àraidh slàinte-inntinn ann an altan a chèile?

Isn't it [known] a fact that emotions and health, especially mental health, are closely linked?

chat avatar

Tha gu dearbh. Bha Anna troimh-a-chèile, bha a sùilean silteach, deurach. Och, 's e àm muladach is cianail a bh' ann.

It is indeed. Anna was upset, her eyes were tearful, weeping. Oh, it was a sad and mournful time.

chat avatar

Feumaidh sinn uile a bhith a' toirt an aire aig amannan mar seo.

We all need to be careful at times like this.