Is it bad news?

An e droch naidheachd a th' ann?

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

chat avatar

Halò, 's tu fhèin a th' ann! Seadh. Och, 's bochd an naidheachd sin. Seadh. Och, a thruaghag! Tha mi duilich an naidheachd agad a chluinntinn. Abair ri Stefan gun robh mi ga fhaighneachd. Mar sin leat an-dràsta.

Hallo, it's you! Yes. Oh, that is bad news. Yes. Oh, you poor thing! I'm sorry to hear your news. Tell Stefan I was asking for him. Bye for now.

chat avatar

Cò bha siud air a' fòn, a Mhàiri?

Who was that on the phone, Màiri?

chat avatar

'S e Peigi a bh' ann.

It was Peggy.

chat avatar

An e droch naidheachd a th' ann?

Is it bad news?

chat avatar

'S e. Tha i fhèin agus Stefan, a cèile, air sgaradh.

Yes. She and Stefan, her partner, have split up.

chat avatar

Abair droch naidheachd! Bha iad cho sona còmhla! Dè thachair?

What bad news! They were so happy together! What happened?

chat avatar

Bha trioblaidean aigesan fuireach san dùthaich seo. Chaidh an t-iarrtas a dhiùltadh an turas mu dheireadh.

He had problems staying in this country. His application was rejected last time.

chat avatar

Och, is duilich leam sin a chluinntinn.

Oh, I'm sorry to hear that.

chat avatar

Bha i a' caoineadh 's a' rànaich air a' fòn an ceartuair.

She was weeping and crying on the phone just now.

chat avatar

Mo thruaighe. 'S cinnteach gum fàg sin an dithis aca tùrsach agus brònach.

Oh dear. That will surely leave both of them sad and disconsolate (sorrowful).

chat avatar

Uill, tha mi gu math duilich mu na thuirt mi riut roimhe! Tha co-fhulangas agam rithe!

Well, I'm very sorry about what I said to you before! I sympathise with her!

chat avatar

Is truagh an suidheachadh. An gabh e leasachadh?

It's a terrible/pitiful situation. Can it be improved?

chat avatar

Chan eil fhios ’am. Nam biodh iad pòsta ma dh'fhaoidte gum biodh cùisean na b' fhasa. Bidh fios aice air na rudan sin. Fònaidh mi thuice!

I don't know. If they were married maybe things would be easier. She will know about these things. I'll phone her!

chat avatar

Ach dè thuirt mi riut mu theaghlaichean, a ghràidh? Thoir an aire air do ghnothach fhèin!

But what did I tell you about families, dear? Mind your own business!