B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: 'S fheàirrde duine gàire!

Bilingual transcription: Laughter is good for you!

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. 

JOY

Tha diofar ìrean de choimeas anns a’ Ghàidhlig agus bheir sinn sùil air a dhà dhiubh an-dràsta a tha a’ nochdadh gu tric ann an cainnt làitheil.

Math, good, math, ach tha math neo-riaghailteach agus bidh sinn a’ cleachdadh, fheàrr, mar a gheibh sinn ann an nas fheàrr, better, nas fheàrr.

Cuiridh sinn -de ris agus tha sinn a’ faighinn, fheàirrde, dìreach mar a gheibh sinn ann an, ‘S fheàirrde duine gàire!

Laughter is good for a person! Air neo A person is better off for laughing. ‘S fheàirrde duine gàire!

Dè mu dheidhinn an dàrna eiseimpleir ma-tha?

Dona, bad, dona. Tha dona neo-riaghailteach cuideachd, agus bidh e a’ dol gu miosa, worse, miosa, agus an uairsin gu miste, degree of worseness, miste

Facal a chuala sinn ann am prògram roimhe, san t-seanfhacal:

Cha mhiste sgeul math aithris dà uair

A good story is none the worse for being told twice.

Cha mhiste sgeul math aithris dà uair.

Nise, bheir sinn sùil aithghearr air a’ cheum bhuadhach, the qualitative degree, an ceum buadhach which has the quality, or sense, of something-ness.

Mar as trice, cleachdaidh sinn seo le rach, go, rach no le put, cuir, rach agus cuir.

Ach gus mìneachadh a thoirt, nach coimhead sinn air dona, bad, dona, a-rithist? Bidh dona a’ dol gu: miosa, worse, miosa. Ach sa cheum bhuadhach, bidh miosa a’ dol gu miosad, worseness, miosad.

Dìreach mar a gheibh sinn anns an abairt, ‘going in worseness’, a’ dol am miosad, getting worse and worse, or ever-worsening, a’ dol am miosad.