B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Criomagan Dualchainnt: Didòmhnaich 

Dialect Byte: Sunday

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it’s Didòmhnaich (Sunday). 

Dè a chanar sa Ghàidhlig airson Sunday? 

Tha dà fhacal againn airson an t-seachdamh latha dhen t-seachdain agus tha sin ag atharrachadh a rèir creideamh.   Anns a’ bhitheantas, is e Didòmhnaich no An Dòmhnach a chanas na Caitligich agus na h-Easbaigich – Didòmhnaich no An Dòmhnach. Tha Didòmhnaich a’ ciallachadh ‘latha an Tighearna’.  Cluinnear Didòmhnaich no An Dòmhnach ann an Uibhist a Deas (South Uist), ann am Barraigh (Barra), ann an Èirisgeigh (Eriskay) agus ann an Tiriodh (Tiree).  

Anns a’ bhitheantas, is e Là na Sàbaid a chanas na Pròstanaich – Là na Sàbaid.  Is e Là na Sàbaid a gheibhear ann an Leòdhas (Lewis) , sna Hearadh (Harris), ann an Uibhist a Tuath (North Uist), san Eilean Sgitheanach (Skye) agus ann an Ratharsair (Raasay). Cluinnear an dà chuid ann an Beinn na Faoghla (Benbecula).

OPT: Canaidh feadhainn ann an Leòdhas Là na Sàboinn neo  Là na Sàbainn

 Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.