Calum MacLean in Fife

Calum MacIlleathain ann am Fìobha

Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?

“Calum Macilleathain. Nach ann aigesan a tha an obair fhurasta!” Sin a thu thu a’ smaoineachadh, tha fhios a’m gur e.

Ach dè mu dheidhinn obair nam bàrd? Bho chionn fhad an t-saoghail, an lùib gach cinneadh Gàidhealach, bha bàrd air fhàstadh a dh’aon-ghnothaich - for the sole purpose – a dh’aon-ghnothaich airson an ceann-cinnidh a mholadh. Agus nan deidheadh am bàrd is an ceann-cinnidh a-mach air a chèile, bhiodh an ath phìos bàrdachd a‘ càineadh is ag aoireadh - criticising and satirising - a‘ càineadh is ag aoireadh,

A' dearbhadh na h-abairt: Is leis a’ bhàrd a theanga fhèin.

Ma tha thu bragail is gun eagal, canaidh cuid gu bheil thu dàna – brave or bold – dàna.

Agus ‘s e dàn – a poem or a song – dàn, aon fhacal airson pìos bàrdachd. Ach tha ciall eile aig an fhacal sin cuideachd: tha e an dàn – it is destined – tha e an dàn.

Mar sin, ma tha thu de shliochd bàird bragail, Tha e an dàn dhut, dàin dhàna a sgrìobhadh – it’s your destiny to write cheeky poems – Tha e an dàn dhut, dàin dhàna a sgrìobhadh.

Tha mi ann an Cair Ail ann am Fìobha gus beachdachadh air an leabhar Nua Bhàrdachd Ghàidhlig, a nochd ann an naoi deug seachdad ‘s a sia.

Leabhar cudromach ann an litreachas Gàidhlig a tharraing còmhla airson a' chiad uair obair chòignear bhàird ainmeil: Somhairle MacGill-Eain, Deòrsa Mac Iain Dheòrsa, Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a' Ghobhainn agus Dòmhnall MacAmhlaigh. ‘S a tha mi a’ coinneachadh ris a’ bhana-bhàrd Deborah Moffatt airson bruidhinn mun obair aca.

Calum: Deborah, dè bha cho “nuadh” no inntinneach mun deidhinn?

DEBORAH: Mar a bha iad cho da chultarach agus

Calum: Agus dè dìleab nam bàrd sin an-diugh?

DEBORAH: Saorsa .. air pàipear.

Tha mo chòmhradh le Deborah air ceist a chur orm. A bheil “Nua Chalum” am broinn cochall an t-seann Chaluim seo? Le Cair Ail mar mo cheòlraidh – my muse - mo cheòlraidh, tha mi air mo bheothachadh. Tha mi a’ faireachdainn cnuasachail agus cruthachail.

Oh sin thu.

Dè tha mi a’ dèanamh? Tha mi air a bhith a’ cruthachadh dhàin nam cheann, mar a bhiodh an t-aos-dàna – a bard of the bardic tradition – an t-aos-dàna, le clach air mo bhroilleach. Seo mo luinneag – a ditty or a limerick – luinneag.

A-rèir chleachdaidhean cuid de sheann bhàird,

Seo an liut a bhiodh ac’ airson an ceàird,

Bhiodh iad a’ laighe san dubhar,

‘S ri dàn a’ dèanamh fiughair,

‘S bhiodh rann ann mus èireadh ‘ad an-àird‘!

Cha robh siud dona idir, an robh Joy… Oh… Tha fear eile air an t-slighe!!

Tha i làn gàire, craic agus spòrs,

Tro aimsir is sìde de gach seòrs’

Mas e tha dhìth ort plòidh,

Curidh ise sin air dòigh,

À Earra-Ghaidheal, cò eile ach … Joy!

Feumaidh mi fòn a chur chun cheann-cinnidh!