Bilingual transcription: Famous Gaelic poets
Bilingual transcription: Bàird Gàidhlig ainmeil
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.
Tha iomadh bàrd Gàidhlig ainmeil air a bhith ann thar nan linntean. San ochdamh linn deug bha Donnchadh Bàn / Mac an t-Saoir, Duncan Bàn MacIntyre, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, à Earra-Ghàidheal, a' dèanamh òrain air nàdar, poilitigs is gaol, agus 's e 'Moladh Beinn Dòbhrain' fear de na dàin as ainmeile aigesan.
Bàrd ainmeil eile san ochdamh linn deug, b' esan Uilleam Ros, William Ross, Uilleam Ros. Tha a' bhàrdachd aigesan a' dèiligeadh ri sgìre Gheàrrloch agus bha e ainmeil airson seinn mun ghaol a bh' aige air Mòr.
San naoidheamh linn deug bha leithid Mary MacPherson, Màiri Mhòr nan Òran, Big Mary of the Songs, Mairi Mhòr nan Òran ainmeil airson a h-òrain mu strì nan croitearan, leithid Eilean a' Cheò
Ach san fhicheadamh linn dh'atharraich cùisean leis a' bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain, Sorley MacLean, Somhairle MacGill-Eain.
Thug an leabhar ainmeil aige-san), Dàin do Eimhir / agus Dàin Eile Poems to Eimhir and Other Poems, Dàin do Eimhir agus Dàin Eile, cruth-atharrachadh air bàrdachd Ghàidhlig an fhicheadamh linn. Agus cluinnidh sinn barrachd mun seo an ceartuair.