Bilingual transcription: nine

Bilingual transcription: Naoi

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it’s how to say the number nine in Gaelic.

Dè a chanar sa Ghàidhlig airson an àireamh, Nine?   Thèid na h-àireamhan sìmplidh eile fhuaimneachadh cha mhòr san aon dòigh. Ach tha nine eadar-dhealaichte. ‘S e naoi (“nuw-ee”) a chanas iad anns na h-eileanan mu dheas, bho Uibhist a Deas is Barraigh gu Ìle is Cinn Tìre , dìreach mar a tha e air a litreachadh, naoi (“nuw-ee”).  Nas fhaide tuath, tha iad a’ cur fuaim gh leathann ris. ‘S e naoi-gh (“nuw-ee-gh”) a tha aca ann an Leòdhas, naoi-gh.  Agus ‘s e naodh a chanas iad anns na Hearadh , ann an Uibhist a Tuath agus san Eilean Sgitheanach , naodh .  Uaireannan ge-tà, canaidh feadhainn naong . 

 ‘S chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas de dhualchainntean  a gheibhear sa Ghàidhlig.