Bilingual transcription: Within, after
Bilingual transcription: Am broinn, an dèidh
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it's am broinn and an dèidh.
JOY
Nise, nach coimhead sinn ris an roimhear fhillte,
am broinn , the compound prepositioninside or within, am broinn.
Gabhaidh a chleachdadh le bhith ag ràdh:
am broinn na dachaighe. In the inside of the home, inside the home or the house, am broinn na dachaighe .
Ach nam biodh sinn ag iarraidh mi a ràdh an àite dachaigh, 's e mo, my, a chanas sinn. Tha mo + (agus) am broinn a' dol còmhla a' toirt dhuinn:
na mo bhroinn , in my inside, inside me, na mo bhroinn , no nam bhroinn mar as tric a chluinnear e.
Agus eisimpleir dhen seo ann an seantans:
Tha deagh bhiadh / nam bhroinn
There's a good meal in me or inside of me.
Tha deagh bhiadh nam bhroinn.
A' leantainn an aon phàtran, gheibh sinn:
nad bhroinn , inside you,agus
na bhroinn, inside him, nad bhroinn agus na bhroinn.
Bheir sinn sùil air roimhear fillte feumail eile,
nar dèidh , after us, nar dèidh.
Agus ged a tha an aon chiall aig an dèidh agus às dèidh, dà dhòigh air after a ràdh, nuair a chleachdas sinn riochdairean leotha, tha iad gu tur eadar–dhealaichte.
Bidh an dèidh ag atharrachadh gu:
nam dhèidh, after me,
agus nad dhèidh, after you, nam dhèidh agus nad dhèidh.
Tha an dòigh eile air an do thog mi, às dèidh, ag obrachadh gu h–eadar–dhealaichte, in a different way:
às mo dhèidh, after me, agus
às do dhèidh, after you, às mo dhèidh agus às do dhèidh
Tha tòrr a bharrachd fiosrachaidh mun seo air an làraich againn ach dè mu dheidhinn tadhal air Seonag is Alfie air an lot, agus feuch an cluinn sibh às dèidh no an dèidh sa chòmhradh.