Feuch e: Work and pleasure
Feuch e: Saothair agus tlachd
Your turn now. Answer the questions any way you like. There is no wrong answer here!

Cuiridh mi geall gur ann chun nan àiteachan àbhaisteach a bhios iad a' dol, nach ann?
I bet it's to all the usual places they go, isn't it?

'S ann: a' tòiseachadh air a' Ghalltachd an àiteigin, a' dèanamh air an Òban, a' dol gu tuath seachad air Baile a' Chaolais chun a' Ghearasdain agus an uair sin don iar–thuath dhan a' Chaol—Caol Loch Aillse. Ma bhios ùine aca, gabhaidh iad cuairt dhan Phloc, mus tèid iad tarsainn na drochaid … It is: starting in the Lowlands somewhere, heading for Oban, going north past Ballachulish to Fort William and then north–west to Kyle—Kyle of Lochalsh. If they have time, they'll take a trip to Plockton before they go over the bridge …
Chan ann. Bidh iad a' dol gu àiteachan dìomhair agus cha bhi iad ag innse far an robh iad. They don't. They go to secret places and they don't tell where they were.
'S ann gu dearbh. Bidh iad a' tadhal air Drochaid an Aonachain, Ceann a' Ghiùthsaich, An Aghaidh Mhòir, Inbhir Nis gu ruige Inbhir Theòrsa agus Taigh Iain Ghròt. They do. They will visit Spean Bridge, Kingussie, Aviemore, Inverness, as far as Thurso and John o' Groats.