Place–names with the definite article and without

Ainmean–àite leis an alt agus às aonais

As we saw with place–names in the Galltachd (Lowlands) in Cuspair 10 , the place–names with an alt chinnteach (the definite article) change in the different tuislean (cases). If there is a definite article in the name, the name will follow the rules for gnè (gender) of the name.

NOMINATIVE  DATIVE GENITIVE
An Gearasdan m anns a' Ghearasdan muinntir a' Ghearasdain
Fort William in Fort William(the) people of Fort William
An t–Òban m anns an Òban port an Òbain
Oban in Obanthe port of Oban
An t–Àth Leathann m anns an Àth Leathann talla an Àth Leathainn
Broadford in BroadfordBroadford hall
An Aghaidh Mhòr f anns an Aghaidh Mhòir stèisean na h–Aghaidh Mòire
Aviemore in AviemoreAviemore station
A' Chomraich f air a' Chomraich sgoil na Comraich
Applecross in ApplecrossApplecross school
Am Ploc m air a' Phloc/anns a' Phloc sgoil a' Phluic
Plockton in PlocktonPlockton school
Dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich ann an 1995.
The Skye Bridge opened in 1995.
Tha sgoil–chiùil ainmeil air a' Phloc.
There is a famous music school in Plockton.
Tha an rathad chun na Comraich iongantach!
The road to Applecross is amazing!

With ainmearan sònrachaidh (proper nouns) gun alt cinnteach (without a definite article), the name lenites in the genitive (possessive) case.

NOMINATIVEDATIVEGENITIVE
Ulapulann an Ulapul muinntir Ulapuil
Ullapoolin Ullapool(the) people of Ullapool
Ceann a' Ghiùthsaich ann an Ceann a' Ghiùthsaich sgioba Cheann a' Ghiùthsaich
Kingussiein KingussieKingussie team
Malaig ann am Malaig stèisean Mhalaig
Mallaigin MallaigMallaig station
Port Rìgh ann am Port Rìgh sgoil Phort Rìgh
Portreein PortreePortree school
Baile a' Chaolais ann am Baile a' Chaolais aiseag Bhaile a' Chaolais
Ballachulishin BallachulishBallachulish ferry
Baile Ùr an t–Slèibh ann am Baile Ùr an t–Slèibh sgioba Bhaile Ùr an t–Slèibh
Newtonmorein NewtonmoreNewtonmore team
Bàgh a' Chaisteil ann am Bàgh a' Chaisteil port Bhàgh a' Chaisteil
Castlebayin CastlebayCastlebay port

Tha tòrr chùrsaichean Gàidhlig aig Àrd–sgoil Phort Rìgh.
There are lots of Gaelic courses at Portree High School.
Bidh an trèana bhon fhilm Harry Potter a' stad aig stèisean Mhalaig.
The train from the Harry Potter film stops at Mallaig station.