Carson nach tèid sinn air splaoid ann an cuideachd Chaluim MhicIlleathain?
Sin sibh a chàirdean! Nach beairteach sinn a thaobh dual-chainntean na Gàidhlig! Anns an taigh againne, ‘s e Gàidhlig na Comraich – the Gaelic of Applecross – Gàidhlig na Comraich a tha ri chluinntinn. Mar sin, ‘s e “dha-rìridh” a bhios m‘ athair a’ cleachdadh an àite “dha-rìribh”. Agus an àite “ag ràdh” ‘s e “a’ cathainn“ a bhios aige.
Agus chan ann mòrchuiseach – big headed – mòrchuiseach a tha mi nuair a chluinneas sibh mi a’ cathainn “Tha mi gu snog”. Tha sin coltach ri, “Tha mi gu math.”
Sin agaibh dìreach blas beag de dhual-chainnt na Comraich!
Nise, bidh mi tric a’ siubhal agus a’ coinneachadh ri daoine às gach sgìre is a’ gabhail ealla – taking note, noticing – a’ gabhail ealla ri dual-chainnt gach neach ris an coinnich mi.
Madainn mhath. Neo mar a chanas iad anns an eilean seo, madainn mhath!
Le seallaidhean àlainn thar Sruth na Maoile – the Straits of Moyle – Sruth na Maoile, an caolas eadar Alba is Èirinn, tha a’ Ghàidhlig ann an Ìle a’ sealltainn a’ chàirdeis a tha ’s a bha eadar an dà sgìre. Tha mi ann am Port na h-Abhainne agus mi a’ coinneachadh ri Sìne NicEalair (Sheena Mackellar).
Calum: Latha math Sheena! Innis dhomh dè na prìomh rudan a tha eadar-dhealaichte mun dual-chainnt agaibhse.
SHEENA: Dà meth a’ Chaluim! Cosmhail ri an còrr de dh’ Earra-Ghàidheal tha glottal stop làidir againn, sa Bheurla sin “water” a’ dol gu “wa’er”. An seo bidh balach a’ dol gu bal-hach.
Calum: Aidh bidh mi a’ cluinntinn sin sa Ghàidhlig agus sa Bheurla aig daoine.
SHEENA: Uill tric bidh fuaimean ag atharrachadh mar eisimpleir, bidh “l” aig toiseach facal a’ dol gu “d” fann, agus “math” a’ dol gu “meth” sin is coireach gun tuirt mi “Dà meth a Chaluim!”
Calum: Dà meth! Tha sin iongantach!
SHEENA: Agus bidh beul (pron be-al) mouth air a ràdh mar beul (bay-l), sìol (pron si-ol) a’ dol gu sìl, agus sia mar sè,
Calum: Cha mhòr nach eil e mar fuaimneachadh cànan ionnsachadh às ùr.
SHEENA: Gu dearbha, tha rudan eile ann mar “-ich” aig deireadh facal a‘ dol gu “-ee”, mar balaich agus Bruichladdich, bidh iad sin air an ràdh bal-ie agus bruichladdie. Agus rud eile bidh sinn ag ràdh fuaim v ann am meadhan Samhradh is Geamhradh – sev-radh, gev-radh.
Agus, tha faclan gu tur eadar-dhealaichte againne airson cuid a rudan. Cha bhith sinn a ràdh “coltach”, bidh sinn ag ràdh “cosail”, cosmhail a chanadh sibhse. ‘S e “baideal” a tha againn air “sgòth”. Canaidh sinne gu bheil a’ Ghàidhlig againne “beannaichte” oir tha e cosail ri Gàidhlig a’ Bhìobaill. Tha sinn a’ call an fhuaim sa mheadhan san fhear sin!
Calum: Agus carson a tha Gàidhlig Ìle cho eadar-dhealaichte?
SHEENA: Uill, tha Ìle ‘s dòcha barrachd air àite sam bith eile le faclan bho seann Ghàidhlig. Agus le Sruth na Maoile an siud tha tòrr buaidh aig Gàidhlig na h-Èireann. Suas chun a’ Chiad Chogaidh bhiodh tòrr a’ dol a-null gu Fèill Bhaile Chaisteil ann an Èirinn a Tuath. B’ e sin tachartas sòisealta na bliadhna, agus bhiodh reic is ceannach a’ dol eatorra cuideachd. Eisimpleir math air dè cho faisg is a tha sinn, bidh sinn a’ cleachdadh an aon abairt airson taing; “Gu robh math agad”.
Calum: Cuspair cho cho inntinneach! Uill, gu robh math agad Sheena.
SHEENA: Fan mionaid a Chaluim, mus falbh thu seo deuchainn dhut, ciamar a chanadh Ìleach seo?
Calum: [ambushed slightly] Cha do dh’ innis duine dhomh gum biodh deuchainn ann aig deireadh ar còmhraidh! Glè mhath feuchaidh mi air. Chanainn-sa
Tha na h-Ìlich cosmhail ri na h-Èireannaich. (Pron -ich and -mh- sounds)
Ach … an canadh Ìleach “ Tha na h-Il-ee cosail ri na h-Eireann-ee”??
SHEENA: Gasta fhèin! A Chaluim, nì sinn Ìleach dhiot fhathast!
Tha mo chòmhradh le Sìne air aon rud a dhearbhadh: Is treun neach an eòlais – knowledge is power – Is treun neach an eòlais. Tha i air mo lèirsinn a leudachadh.
Tha fios gu bheil farsaingeachd de dh’fhacail rin lorg is rin clàradh anns gach sgìre den dùthaich. Ma tha an cothrom agadsa, siuthad, thalla gan tional– go and gather or collect them – thalla gan tional! Tha mo thuras-sa air mo phiobrachadh – inspired or provoked me – air mo phiobrachadh gus tuilleadh dhen Ghàidhlig a tha dualach dhomh fhìn a lorg. Ma nì sinn uile sin, thèid an cumail beò agus nach e sin a bhiodh math.
“Beannachd leibh Joy!” Oh gabh mo leisgeul – beannachd leibh Joy!