Bilingual transcription: To the coast

Bilingual transcription: Chun a' chosta

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.

Tha Na Fuadaichean air an aithneachadh an-diugh mar chùis nàire agus adhbhar bròin ann an eachdraidh nan Gàidheal agus na h-Alba.

Thòisich iad faisg air deireadh an ochdamh linn deug, nuair a chaidh na daoine a ghluasad far nan croitean, off the crofts, far nan croitean is an fhearainn, chun a' chosta, to the coast, chun a' chosta.

Ann an Cataibh, Sutherland, sgìre a dh'fhuiling gu cruaidh tràth san naoidheamh linn deug, chaidh daoine a chur às an dachaighean, le na h-uachdarain, were put out of their homes, a chur às an dachaighean.

Aig an dàrna ìre de na fuadaichean san naoidheamh linn deug, chaidh na daoine a chur às an rathad, they were put or moved out of the way, to another place, chaidh na daoine a chur às an rathad. Gu tric rinn iad imrich gu dùthchannan mar Canada, Ameireagaidh a Tuath, agus Astràilia

Eadar seachd ceud deug is caogad agus ochd-ceud deug is seasgad, chaidh na deichean de mhìltean, tens of thousands, deichean de mhìltean, fhuadach far an fhearainn.