Bilingual transcription: Eriskay
Bilingual transcription: Èirisgeigh
Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?
Nach e muinntir Thodaigh a bha seòlta – a’ cleith na mìltean de bhotail uisge-beatha às dèidh dhan SS Cabinet Minister a dhol air na creagan – run aground – a dhol air na creagan far Eilean Bharraigh.
Tuigidh sibh gur ann air Uisge-beatha Gu Leòr neo Whisky Galore a tha mi a’ bruidhinn, an leabhar ainmeil seo.
Chan eil / càil nas fheàrr - there’s nothing better - chan eil / càil nas fheàrr - na do shròin a bhith ann an deagh leabhar, gu h-àraid ma tha an sgeulachd tarraingeach, beothail, agus a’ gabhail àite air eilean brèagha mar seo.
Agus nas fheàrr buileach, ma tha an sgeulachd stèidhichte air tachartas a tha fìor!
Ged is e ficsean a th’ ann a Whisky Galore, tha e stèidhichte air mar a thachair dhan t-soitheach, an SS Politician, nuair a chaidh i às an rathad – destroyed – às an rathad far chosta Èirisgeigh ann an naoi ceud deug, ceathrad ‘s a h-aon (1941) agus i air an t-slighe à Liverpool gu ruige Iameuga. Bha còrr is dà cheud is seasgad mìle (260,000) botal uisge-beatha air bòrd – seadh, chuala tu ceart - còrr is dà cheud is seasgad mìle (260,000) botal - agus b’ e na thachair às dèidh làimh a bhrosnaich Sir Compton MacCoinnich gus Whisky Galore a sgrìobhadh.
Chaidh film ainmeil a dhèanamh cuideachd, stèidhichte air an leabhar le pàirt dheth air a chlàradh an seo air Tràigh Eais.
Abair thusa gun robh deagh phlòigh - great fun - deagh phlòigh aig na h-eileanaich ‘s iad a’ feuchainn ri na botail fhaighinn gu tìr airson an gleidheadh / dhaibh fhèin – to keep for themselves – an gleidheadh dhaibh fhein agus an cleith bhon luchd-cusbainn…
Saoil a bheil corra bhotal fhathast a’ tighinn air tìr an seo? Tha fhios gum biodh luach annta??
‘S e caractar inntinneach a bh’ ann an Compton MacCoinnich fhèin. A thuilleadh air a bhith na sgrìobhadair, bha e na leifteanant anns na Maraichean Rìoghail - the Royal Marines – na Maraichean Rìoghail sa chiad chogadh, agus an uairsin chaidh e a dh’obair dhan t-seirbhis-tèarainteachd – for the security service - dhan t-seirbhis tèarainteachd MI a Sia ach b’ ann a seo am Barraigh a bha a chridhe agus thog e an taigh mòr brèagha air mo chùlaibh a bha na dhachaigh dha airson dusan bliadhna, eadar naoi deug trithead sa tri (1933) agus naoi deug da fhichead sa coig (1945).
Tha mi a’ coinneachadh ri Lisa NicNèill airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu Chompton còir.
Calum: Cuin agus carson a thàinig CM a Bharraigh an toiseach ?
Lisa: Thainig CM an seo an toiseach ann an 1928 às dèidh dha coinneachadh ris an t-seanachaidh ainmeil An Coddy aig Mòd na bliadhna sin. Ged a rugadh is thogadh CM an ceann a tuath Shasainn b’ ann à Alba a bha cuid de shinnsireachd agus bha ùidh mhòr aige ann an cultar nan Gàidheal.
Calum: Dè chòrd ris mun eilean?
Lisa: Bòidhchead ach gu h-àraid na daoine. Thog e taigh
Calum: Ciamar a bha Barraigh na bhrosnachadh dha mar sgrìobhadair?
Lisa: Thug sgeulachd an SS Politician brosnachadh dha airson Whisky Galore a sgrìobhadh agus sgriobh e an dàrna nobhail èibhinn, cuideachd stèidhichte air an eilean, Rockets Galore.
Calum: Agus bha e pòsta aig boireannach à eilean eile - Eilean Scalpaigh na Hearadh?
Lisa: Phòs e Cairistiona NicSuain ach chaochail ise bliadhna às dèidh sin agus an uairsin phòs e a piuthar, Lilian…
Calum: Bha e fuireach ann an Suidheachan suas gu 1945 an e sin deireadh a‘ cheangail ri Barraigh?
Lisa: dachaigh spioradail… chaidh a thiodhlaiceadh an seo ann an cladh ann an Eòlaigearraidh.
Well, abair gur e duine cliùiteach, iomraiteach agus tàlantach a bh’ ann an Sir Compton MacCoinnich, agus is cinnteach gum bi na leabhraichean aige a’ toirt aigheir is tlachd - joy and pleasure – aigheir is tlachd - do ghinealaichean de leughadairean airson iomadh bliadhna ri thighinn. Air mo shon-sa, tha mi a’ sireadh spiorad muinntir Eilean Thodaigh agus mi an tòir air - in search of – an tòir air seann bhotal no dhà bhon Pholitician air a’ chladach-sa.
Agus cò aig a tha fios, Joy, nach lorg mi botal dhut fhèin cuideachd!