Fàilte gu Farpais na Gnàth-shìde!
Tha duaisean mòra rin cosnadh – gheibh thu àrd urram nad fhàrdaich fhèin – in your own home – nad fhàrdaich fhèin ma fhreagras tu na ceistean a tha seo agus ma bhios na freagairtean agad ceart.
Còinneach! Carson a bhiodh dotairean a’ cleachdadh an stuth iongantach seo? Tha trì diogan agad!
Sa Chiad Chogadh bhiodh iad ga chur le bann air lotan nan saighdear on the soldiers’ wounds, air lotan nan saighdear airson na lotan a chumail glan, oir tha còineach mòintich ana-bacteriach.
Nise ceist fhurasta, dè an àrainneachd as fhèarr airson carbon a stòradh?
Agus am freagairt? – Mòinteach! Tha an àrainneachd nas èifeachdaiche – more effective – nas èifeachdaiche na fiù ‘s coille-uisge airson carbon a stòradh.
Sin a tha gam fhàgail ann an Srath Healadail ann an Ceann a Tuath na h-Alba.
Tha còrr is an còigeamh cuid de dh’fhearann na h-Alba fo mhòinteach, agus san sgìre seo a-mhàin tha boglach – blanket bog – boglach; a tha cho farsaing ‘s gu bheil i a’ toirt dhuinn còig as a’ cheud de bhoglaichean an t-saoghail. Tha Comann Rìoghail Dìon nan Eun – an RSPB – Comann Rìoghail Dìon nan Eun a’ coimhead às dèidh talamh mòintich sa cheàrnaidh seo. Tha Shona NicGilleFhialain ag obair dhaibh.
Calum: Hi Shona, dè a tha cho sònraichte mun sgìre seo?
SHONA:
‘S e àrainneachd air leth a tha ann, oir tha a’ mhòinteach sna boglaichean mun cuairt a’ glacadh carbon sa mhòine agus ga chumail gun sgaoileadh dhan àile.
Calum: Abair sealladh! A bheil mòinteach nas fheàrr na coilltean airson na gnàth-shìde?
SHONA:
Forests can store carbon more quickly than peatland, but most of it is released when the trees rot away or are burnt as fuel. Many peatlands have been growing undisturbed for thousands of years, so although they cover just 3% of the world’s land area, they hold nearly 30% of all the carbon stored on land. The Flow Country’s peat bogs alone store about 400 million tonnes – more than double the amount in all of Britain’s woodlands.
Seo am probe againn
Le bhith a’ putadh bhiorain a tha a’ ceangal ri chèile sìos fon riasg, ‘s urrainnear tomhas doimhneachd na mòine agus às a sin an carbon a tha air a stòradh.
Oh tha mi air bualadh … 4 metres of peat Wow
Ged a tha mi eòlach gu leòr air boglaichean, mòinteach is glumagan, tha tuigse nas fheàrr agam orra sin a-nise. Uair eile tha e a’ tighinn a-steach orm – it occurs to me– a’ tighinn a-steach orm, ged a tha coltas fàsach farsaing, falamh air a’ chruth-tìre seo, chan eil sin buileach fìor. Eadar planntraisean agus fiadh-bheatha, tha an t-àite beò.
‘S tha ainm Gàidhlig, tric le freumh Lochlannach, air gach càrn is còs – every cairn and crevice – gach càrn is còs.
Ma tha thu eadar dà bheachd, canaidh sinn gu bheil thu eadar a’ chlach / ‘s an sgrath – between the rock and the turf, in two minds – eadar a’ chlach ‘s an sgrath! Co-dhiù, fòghnaidh na dh’fhòghnas, chan eil àite coltach ris a seo!
Oh tha mi air a bhith nam shuidhe le mo chas fodham ro fhada! Tha
cadal-deilgneach air tighinn orm – literally a prickly sleep or you might know it better as pins and needles – cadal-deilgneach. Agus tha mo chas fhathast na cadal! Nach math nach eil mise…