Calum MacLean in the Borders

Calum MacIllEathain anns na Crìochan

Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?

Nuair a bha mise nam bhalachan, bhithinn a’ ceasnachadh gun sguir.

Cò? Cuin? Càite? Ciamar? Carson?

Mo phàrantan bochd! Tha fios gu robh iad air an leamhachadh leam - fed-up up of me – air an leamhachadh leam.

A’ coimhead air ais, tha fios a’m a-nise nach b’ e plàigh – a pest – plàigh a bh’ annam; cha b’ e idir, ach feallsanaiche – a philosopher – feallsanaiche.

Tha am facal “feallsanachd” sa Ghreugais a’ ciallachadh, “gaol air gliocas”. ‘S cinnteach gur e a bha ormsa ach miann air gliocas – a desire or a wish for wisdom – miann air gliocas ‘s mi a’ sireadh fiosrachaidh mun t-saoghal mu thimcheall orm.

Tha mi fortanach an-diugh ge-tà, ‘s urrainn dhomh suidhe a’ slìobadh m’ fheusag le coltas gur ann a’ meòrachadh air na ceistean mòra a tha mi.

Cò às a thàinig sinn?

Thàinig às a‘ chàr ud thall! ???

Oh nach ist thu!

Cha ghabh a h-uile ceist a fhreagairt – Not every question has an answer - Cha ghabh a h-uile ceist a fhreagairt .

Càit a bheil sinn a‘ dol?

Tha sinne a’ dol an taobh seo.

Tha mi ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh oir falaichte sna craobhan an seo, tha manachainn agus ionad ionnsachaidh Budach Samye Ling, a chaidh a stèidheachadh ann an naoi deug seasgad ‘s a seachd. Ionad far a bheilear a’ tabhann ionnsachaidh ann an am feallsanachd Budach agus dian-mheòrachadh – meditation – dian-mheòrachadh. Bho chionn trithead bliadhna, chuir Ani Lhamo roimhpe a bhith na bean-chràbhaidh – nun – bean-chràbhaidh.

Calum: What is the daily routine?

ANI LAHMO: Prayers meditation

Calum: What are people’s motivation for coming on retreat here?

ANI LAHMO:

Increased awareness of Buddhism

All welcome to be here

Five Golden Rules

Calum: So what would you recommend I do in my time here?

ANI LAHMO: Maybe walk around and then we could do some meditation in the temple

Calum: Sounds great

Lean mi comhairle Ani Lahmo, agus abair àite sèimh.

Ri taobh na manachainn, tha Uisge Easg– the River Esk – Uisge Easg ‘s i a’ dol air a slighe gu ruige Linne Shalmhaigh – the Solway Firth – Linne Shalmhaigh. Mar iomadh abhainn eile leis an ainm Easg ann an Alba, agus ann an Sasainn, thathar a’ smaoineachadh gu bheil an t-ainm a’ tighinn bhon fhacal airson uisge anns an t-seann chainnt Cheiltich .

Faisg air a seo cuideachd tha Garbh Allt – Garwald, meaning the rough burn – Garbh Allt. Gu cinnteach, bha Gàidhlig san sgìre bho thùs!

As dèidh mo chuairt, shuidh mi le Ani Lahmo a’ dian-mheòrachadh san teampull. A’ suidhe le casan paisgte, druim dìreach, agus a’ tarraing anail gu socair.

Tha e iongantach. Mar is trice bidh mi a’ smaoineachadh gu bheil mi a’ faireachdainn sèimh agus aig fois nuair a tha mi sna beanntan, ri taobh aibhnichean, neo ann an coilltean. ‘S cha robh càil a dhùil agam – I had no expectations – cha robh càil a dhùil agam gum bithinn a‘ faireachdainn cho sèimh. Chan eil fhios a’m an e gu bheil e cho socair an seo ‘s tu a’ faireachdainn gach strì làitheil dìreach a’ falbh… coltach ri bhith air a’ bhlàr a-muigh.

Mar a tha an seanfhacal ag ràdh:

Fanaidh duine sona ri sìth – the contented man waits for peace – Fanaidh duine sona ri sìth.

‘S dòcha gum fuirich mise an seo a’ meòrachadh airson greiseag bheag eile.

Aidh Joy, Chan e droch fheallsanachd a bhiodh a sin!