Calum MacLean in Lismore

Calum MacIlleathain ann an Lìos Mòr

Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?

Far am bi mi fhìn ’s ann ann a bhios mo dhòchas

Far am bi mi fhìn ‘ s ann ann a bhios mo dhòchas

Far am bi mi fhìn ‘ s ann ann a bhios mo dhòchas

Far am bi mi fhìn, bidh mo dhòchas ann

Agus ‘s e mo dhòchas fhèin gun tèid agam air – that I’m able to – gun tèid agam air mo cheann-uidhe a ruighinn aig deireadh na bhòidse seo. Tha soitheach ghrinn, dhìonach gam ghiùlain agus i fo smachd criutha a tha an dà chuid èasgaidh agus eòlach. Tha an t-sìde fàbharach cuideachd - Dè an còrr a dh’iarrainn? – What more could I ask for – Dè an còrr a dh’iarrainn?

Nach brèagha an taigh-solais sin - sealladh a tha air cofhurtachd is iùil a thoirt do ghinealaichean de sheòladairean.

Coltach ris an toirds sheasmhach agam fhìn …ach ann an dòigh, gu math, gu math nas cudromaiche!

‘S ann air luchd-frithealaidh nan solas san Òban a tha mo chùrsa an-diugh. Chaidh Bòrd Thaighean-solais a’ Chinn a Tuath – the Northern Lighthouse Board - Bòrd Thaighean-solais a’ Chinn a Tuath a stèidheachadh ann an seachd ceud deug ochdad ‘s a sia (1786). ‘S tha iad air a bhith a’ coimhead às dèidh thaighean-solais, putaichean agus leòis-mhara - maritime beacons – leòis-mhara ann an uisgeachan na h-Alba agus Eilean Mhanainn bhon uairsin.

Uill tha mise toilichte gu bheil mi air ais tioram air tìr - on dry land – tioram air tìr agus gun robh mo thuras gun thrioblaid sam bith - taing don leithid seo!

Cha bheag a tha an sàs ann a bhith a’ coimhead às dèidh nan diofar uidheaman is thogalaichean a tha a’ cumail seòladairean sàbhailte agus seo aon de na taighean-stòir aig a’ bhòrd far a bheilear a’ dèanamh na h-obrach.

Chuir Eric Mac a’ Ghobhainn còig bliadhna deug thar fhichead (35 years) seachad ag obair don Bhòrd.

ERIC: Thòisich mi mar second mate ann na 1986, air an t-soitheach, am Pole Star, bha mi ann 5 bliadhna ag obair air is ghluais mi an uairsin dhan Òban dhan t-soitheach, Am Fingal.

Bha mise ag obair mar sgiobair air na soithichean a bha frithealadh nan taighean-solais agus nuair a thòisich mi bha luchd-gleidhidh/(keepers) fhathast ag obrachadh nan taighean-solais agus gan cumail a’ dol. Bhiodh sinn gan toirt a-mach ’s a- steach bho na taighan-solais etc

CALUM: Dè cho cudromach ‘s a tha obair Bòrd nan Taighean-solais ann a bhith cumail maraichean sàbhailte?

ERIC: Glè chudromach…

CALUM: Dè an obair a bh’ agaibh fhèin nuair a bha sibh ag obair dhaibh?

CALUM: Dè seòrsa beatha a bh’ aig an luchd-gleidhidh?

ERIC: Chat about lighthousekeeprs rotas/ life on lighthouse etc

1995, fhuair e obair sgiobair, a’ seòladh timcheall nan taighean-solais, bha keeps an uairsin, bha iad dol ann is a’ toirt diesel, uisge is diofar rudan nise dh’fhalbh na keepers is dh’atharraich an obair. Bhiodh iad cuideachd a’ togail nam buoys is gan glanadh suas is eile.

CALUM: Inns dhomh barrachd mun obair a tha a’ tachairt an seo?

ERIC: a’ mìneachadh obair an depot…

A’ coiseachd mun cuairt tha na h-ainmean mar leasan cruinn-eòlais agus ghlac aonan m’ aire.

‘S urrainn dhut an t-inneal seo a chleachdadh airson seann pheant is salachair a ghlanadh bho na putaichean.

Uill ‘s urrainn dha cuideigin eile…

Ach tha dleastanasan – duties – dleastanasan romham.

Feumaidh gach bolt a bhith teann oir bidh bliadhnaichean mus till an uidheamachd seo air ais gu tìr a-rithist.

‘S chan eil ach beagan sgeadachaidh a dhìth nuair a tha gach nì cho glan ri prìne – as clean as a pin - cho glan ri prìne.

Aidh, abair gur e obair thlachdmhor a bha siud!

Agus ann an dòigh tha an toirdse bheag agam fhìn, agus solais mhòra nan taighean-solais ‘s nan leòis-mhara, a’ coileanadh an aon dhleastanas: gar cumail sàbhailte ge bith a bheil sinn aig an stiùir neo nach eil / co-dhiù tha sinn aig an stiùir no nach eil.

Duar/Tiod/Thad! Joy! Dhìochuimhnich mi a chur dheth!

An dùil a bheil bataraidh ùr aca a gheibh mi?